Skip to main content

‹‹‹ prev (72)

(74) next ›››

(73)
55
Lochluinu, agus a h-aon no dhà do righribh na
Frainge. Air cuid do na leachda, tha ainm
nan daoine tha fòdhpa sa' Gliaelic, mar air lic
Dhòmhuill fliad-chosaich. Air cuid eile dhiubh,
tha na li-ainmean sa' chainnt Eiriomiaich, mar air
lic Mhurchaidh-a-Ghuinn. 'S i 'n eaglais bheag a
tha'n Reidhhc-Orain a' cheud tigh athogCalum-Cille
san eilean so. Aig ceann na h-àìrde deas dhith,
tha crùiste Lachuinn 'ic-Ionmhuinn, athar an Aba ;
agus leachd Aonghuis òig 'ic-Dhòmhuill, tighearn
Ile agus Chinntire, an triatli urramach sin a chuir
an cath le buaidh le Raibeart de Bruce, air blàr
ainmeil Bhanocburn. Dlùth dha so tha uaigh agus
leaclid Ailein-nan-sop, ceatharnach do Chloinn-an-
Leathain, o'n d' thàinig teaghlach Thorloisg. Tha
leac Thighearna Chola an so mar an ceudna, le
'chlogaid 's le 'lùirich ; 's Mac-'Illeatliain Dhubh-
airt agus Lochabuidhe, Mac-Guaire Ulbha, agus
lainBeaton, an t-olla Aluileach, le'n suaicheantas 's
an airm-cliatha 03 an ceann. A bhàrr orrasan tha
àireamh mhòr do laoich thre'un leis am bu mhiann an
ainm a bhi air cliuimhne ; ach bha 'm beatha mar
shlighe na saìghde o'nspeur, a shiùbhlas gu luath
seachad, agus air ball a tha air a dhruideadh suas,
San iar-thuath o dhorus na h-eaglais so, tha lcac
mhòr anns am bheil dòirneagan cruinne ris an abair
iad clacha-bràthi a b' àbliaist doibh ann an làith-
ibh an dorcliadais a thiomidadh mu'n cuakt air
mhodh àraid, gu h-amaideach a' creidsinn nach
tigeadh latha-bhràth no deireadh an t-saoghail gu?
am biodh an leac sin air a caitheamh gu buileach
troimpe.
Tha'n eaglais àrd taobh na h-àirde tuath do'n
chladh so ; tha i cùig-troidhe-deug agus cùig fichead
air fad, agus tri-troidhe-fichead air leud. Tha tùr
àrd dreachmhor ag èiridh 'na meadhon, agus tha na
li-uinneagan air an snaidheadh gu h-ealanta. Air
cuid do chlachaibh barra-bhalla 'n tigho so, tlia

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence