Skip to main content

‹‹‹ prev (71)

(73) next ›››

(72)
54
cinii : aìr ceann eile nalìce, tha dealbh ìia h-Oighe
Muire, le coron air a ceann, an naoidhean losA 'na
gàirdeanaibh, a' glirian agus a' ghealach os a ceann,
'ga comharrachadh a mach mar blìan-righ nòimh ;
agus tha'n ùrnuigh so air a sgrìobhadh aig a cosaibh
aim an Laidinn, " A Mhuire naoimli, Guidh air im
shon." Mu'n cuairt air an lic tha air a chur sios
sa' chainnt cheudna, "'Na luidhe an so tha
Ban-tighearn Amia ni-mhic-Dhòmhnuill-'ic-Thearl-
aich, a b' àrd bhan-Aba ann an I, 's a chaochail
anns a' bhliadhna 1511 : a h-anam tha sinn a'
tiomnadh do'n Ti is àirde.'* — Tha leachdan nan
Cailleacha-dubha eile air taobh a muigh na }i-
eaglais ; agus astar beag uatha, ann an cùil leatha
fèin, tha piuthar bhochd 'na luidhe nach do sheas
dileas d'a bòid.
Air an t-slighe chum na h-eaglais àirde, tha crois
Mhic-'Illeatham, clach eireachdail air a snaidheadh
gu h-innleachdach. Bha e 'na chleachdadh cumanta
anns na limiibh sin, croisean do 'n t-seòrsa so a
thogail, 's math a dh' fheuidte chum an ainm agus
an cuimhn' a chumail suas ; agus is dòcha mar thais-
beanadh air meud an urraim dhàsan a cheusadli
air a' chrann. Tha e air a rddh, gu'n robh tri
cheud agus tri fichead dhiubh so aon uair san
eilean ; ach gu'n do mhilleadh a' chuid a bu mhò
dhiubh le òrdugh àrd-sheanaidh Earra-ghàidheal,
agus a' chuid nach do mhilleadh mar so dhiubh,
thugadh air falbh, agus chithear iad gus an là n
diugh ann an iomad àite feadh na rioghachd.
Rciinigsinn ReidhUc-Orain, cladh farsumglàn do
leachdaibh-hghe, fo'm bheil righrean agus cinn-
fheadhna, agus ceatharnaich a bha cumhachdacli
agus ainmeil 'nan latha fe'in, a' cadal taobh ri taobh
ann an suain a' bhàis. Ann an so tha'n t-ùite rL<
an abair iad lomaire-nan-righ, far am bheil ochd
agus dà fliichead do righribh na h-Alba ; cearlliar
di) righribh na h-Eirinn ; ochdnar do riglnibh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence