Skip to main content

‹‹‹ prev (66)

(68) next ›››

(67)
49
dlià, no da rireadh. Mar so choisinn e meas righ-
rean : sodal no miodal cainnte cha do chleachd e riu
air àm sam bith. Dli' f heòraich Aogh, righ Eirinn,
deth, am biodh esan air a thcarnadh : '' 'S gann duit,"
arsa Calum-CiUe, " mur atharraich thu do chaithe-
beatha ,- mur dean thu aithreachas trctth agus trèibh-
dliireach, 's mur bi thu a'd' dliuine nuadli à so a
mach." Marbhacòmhradh Chalum-Chille spioradail,
bha a chaithe-beatha feumail. 'Na uile ghnìomli-
araibh thaisbein e gu'm bu duine le Dia e : bha
naomhachd do Dhia, agus feumalachd do dhaoinibh
follaiseach 'na uile dheanadas. Bha am meas so aig
daoinibh air. Thubhairt Aidan, aon do righribh na
h-Alba, ris, '' Cha leh' dhomh lochd no mearachd
a'd' ghiùlan, 's clia mhò tha faoineachd a'd' chainnt ;
ach innis domh am bheil aon togradh chum peacaidh
ann ad chridhe ?" Fhreagair Cakim-Cille e mar
bhuineadh do Chriosduidh, " Is duine mi ; agus mar
thachras do gach duine, tha m' an-tograidh agus m'
ana-mianna fein a' dùsgadh an taobh a stigh dhiom ;
ach cha ghabhainn do rioghachd, seadh, an saoghal
's na 'bheil air 'uachdar, agus le m' f hiosrachadh
geiUeachdainn do a h-aon diubh."
Bha 'chaoimhneas agus a chàirdeas do gach aon,
comharaichte, d'an anamaibh agus d'an corpaibh.
Bha e co fialaidh 's gu'm feudadh aon neach leis am
b'àiU teachd a dh' ionnsuidh a thighe gun chuireadh
gun sgàth, agus fuireach maille ris co fad 's bu
mhiann leis. Cha robh ni sam bith a chuir triob-
luid air, ach dlorras agus cruadhas a' pheacaidh. Na
h-osnaichean a's doimhne dli' eirich o 'chridhe, 's ann
an uair a chluinneadh e mu bhàs peacaich gun iomp-
achadh ; ach do'n aithreachan thruagh, do luchd a'
chridhe bhristc, bhrùite, bha 'anam do ghuàth làn
do thruacantas.
B'e gràdh do anamaibh dhaoine an togradh bu
Ididire bha 'na chridhe, agus seirc agus caoimhneas
do na bochdaibh an t-aon a b' f haigse. Thog naomh
E

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence