Skip to main content

‹‹‹ prev (65)

(67) next ›››

(66)
48
air a 'chuideachd ghlòrmhor a bha 'g iathadh mu
'thimchioU air na h-àmamiaibh naomha sin. Cha
do ghabh e riamli ni air bith os làimli, agus cha do
thòisich e air obair sam bith, gus 'n do ghuidh e air
tùs soirbheachadli o Dhia. Mun rachadh e stigh
'na charbad beag, dh' asluicheadh e beannachd an
Ti sin a b' urrainn a chumail o thuisleadh. Ma
chaidh bainne na buaile seachad air gach là, cha
deach e riamh seachad air gun a bheannachadh.
'Nuair chitheadh e 'n t-arbhar a' teachd fo dhe'is,
'* Gu ma beannuichte," theireadh esan, " gu'n robh
Dia airson a mhaitheis." Ge b'e àird as an seid-
eadh a' ghaoth, bha esan taingeil ; oir bha caraid
e'igin 'na bheachd do'n robh i freagarrach. Cha
deachaidh e riamh a stigh a dh' amharc caraid caoimh
nach bi haleluia a cheud fhàilte : agus bha cuirm
spioradail aig 'anam mun d'fhuair a cholann lòn.
Tha e againn uime ann an eachdraidli, gu'n deach-
aidh 0, air àm àraidh, a dh' amharc an naoimh
urramaich sin, Centigern, a bha chòmhnuidli san
àite sin far am bheil baile-mòr Ghlaschu air a
thogail. 'Xuair a dlilùthaich e air an tigh san
robh na manaich a chòmhnuidh, chaidh iad uile
mach g'a choinneachadh le laoidhibh naomha, agus
thàinig esan 's a chàirdean air an aghaidh a' seinn
haleluia bhinn. An ioghnadh ged a chinn obair
an Tighearna ann an làimh an duine so, a bha co
dùrachdach, eudmhor, seasmhach ann an ùrnuigh.
Do 'n fhear-theagaisg a tha mar so a' caitheamh a
làithean tha gach nì comasach.
EARRANN III.
Bha Calum-Cille, 'na chòmhradh, co stòlda mhoth-
aichte, 's gu bheil e 'air 'aithris uime., nach cualas
a riamh e 'labhairt focal faoin, 's nach deachaidh e
riamh a nùU no nall o'n f hirinn ghloin, ann am feal-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence