Skip to main content

‹‹‹ prev (52)

(54) next ›››

(53)
35
gaoithe *s ri eudan gre'ine, as an cual' e fuaim nan
dàna milis agus nan laoidhean binne. Luidli an
spreidli air a' bhlàr, 's chaidh Caomhan donn a
stigli a dh' eisdeachd sgeul an àigh. Cha b' fhada
bha e 'g e'isdeachd teachdaireachd an aoibhneis,
'nuair thainig òganach guanach a stigh air dorus an
tigli'-aoraidh le sùil bhuaireasach a's 'anail 'na
uchd, a dh' innseadh gu'n robh 'n crodh maol odhar
anns a' ghart agus e dhol a mach g' an saodach' as.
"Imich uam," arsa Caomhan j "b' usa dhuit-sa, 'bho-
buig, an cur as thu fein, na ruith mar so 's an anail a'
t' uchd a thoirt an sgeòil 'am ionnsuidh-sa — eisdidli
mise na briathra taitneach." Tiota beag 'na dhe'igh
sin, thainig an t-òganach ceudna air 'ais — buaireas
a's boile 'na shùil agus 'anail 'na uchd : " A mach, a
mach, a mhic Ghorla-nam-beann," ars' esan, " tha na
coin agaimie a' ruagadh do chuid mart — mur bi thu
'mach am prioba na sùl, cha'n fhaic thu 'n t-ath-
shealladh dhiubh." — " Air falbh, a bhobuig," arsa
Caomlian donn, '' b' usa dhuit-sa do chuid con a
chasgadh na teachd mar so 's an anail a' t' uchd
g'a innseadh dhòmhsa. Eisdidh mise teachdaireachd
an aoiblmeis." 'Nuair bha 'n t-aoradh seachad chaidli
Caomhan a mach, agus faighear na tri mairt mhaola
odhar a' cur an sgios, gun ghhiasad as an àite 's an
d' rinn e'm fàgail. Dh' eirich iad agus ghluais
iad air an t-slighe dhachaidh, agus lean Caomhan
iad. Cha b' f hada bha e air an cùl^ 'nuair a chun-
naic e machair fharsuing co lom 's gu faiceadli
e 'n dealg bu chaoile air an lom làr ; agus mhothaich
e capull agus searrach òg meanmnach lùghmhor ag
ionaltradh, agus iad co reamhar flieòlmhor ri ròn a'
chuain mhòir. '' Tha so iongantach," arsa Caomhan
donn. Faicear tiota beag 'na dhe'igh sin, machair
eile, fo bhàrr fàsaich, air an robh capuU agus
searrach nach seasadh minidh nan cuaran 'nan
druim leis a' chaoile. Faicear 'na dhèigh so, lochan
uisge, agus mòran a dli' òigridh aoibhinn aighearach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence