Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
34
" Do bheaniiachd, a mhàthair, thoir thusa dhòmhsa ;
agiis beag no mòr a thig 'na chois, tha mise toilichte
— bii bhochd leam oighreachd an t-saoghail mhòir
's do mhallachd 'na lorg, Air beannachd màthar,
's mi nach dean tàir."
Thog Caomhan donn, mac Ghorla-nan-treud, air ;
's mar bha tigh 'athar 's a mhitthar ga fhàgail sa'
cheò, bha 'chridhe làn. Thug e gu siubhal nan
eang — ruigear doire nan earb — suidhear fo chraoibh
a dh' itheadh a' bhonnaich sin a dh' fhuin a mhàth-
air chaomh dha. '^ Mir, mir," arsa fitheach dubh an
fhàsaich ; '^ mlr dhomhsa, 'Chaomhain, 's mi fann."
** Gheibh thu mir, a bheathaich bhochd," arsa Caomh-
an, " 's dòcha gu bheil thu ni's feumaiche na mi
fein — fòghnaidh e dhuinn le cheile — tha beannachd
màthar 'na chois." Dh' e'irich e, 's ghabh air a
thurus. Ghabli e fasgadh aig an t-seann duine ;
agus dh' flialbh e a bhuachailleachd nan tri mart
maola odhar. Chunnaic e 'n coileach òir 's a' chearc
airgid, ach thiomidaidh e air falbh a shùilean ;
lean e 'n spreidh — chunnaic e 'n t-slatag òir 's an t-
slatag airgid ; ach chuimhnich e a ghealladh, 's cha
deachaidh e air an tàir. Rciinig e an doire —
chunnaic e 'm meas a bha bòidheach àillidh do'n
t-sealladh ; ach cha do bhlais se e. Ghabh na tri
mairt mhaola odhar seachad air a' choille, 's ràinig
iad aonach farsuing air an robh falaisg — am fraoch
fada r'a theine — ghabh iad g'a ionnsuidh. Bha 'n
fhalaisg a' sgaoileadh air an raon a' bagairt e fein
's na mairt mhaola odhar a losgadh ; ach ghabh iad
troimpe— cha d' fheuch e am bacail, oir b' e so an
gealladh a thug e ; lean eiadtroimh 'n teine, 's cha
do loisgeadh ròin do fhalt a chinn. Faicear 'na
dhe'igh sin abhuinn mhòr a bha air at le tailtibli
nam beann. Thairis oirre ghabh na mairt mhaola
odhar, agus as an deigh ghabh Caomhan gu neo-
sgdthacli. Tiota beag 'na dheigh sin, faicear tigh-
aoraidh geal bòidheach air reilean uaine ri cùl

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence