Skip to main content

‹‹‹ prev (27)

(29) next ›››

(28)
10
air 'fhoillseachadli san fheòil. Dhuit-sa tha au
Slàiiuighear so air a bhreith — dhearbh e 'na bheò-
shlainte cò e le 'ùmhlachd do thoil De' — ^le toillteannas
a bheatha agus iobairt a bhàis — le 'aiseirigh agus le
'eadar-ghuidhe aig deas-làimh an Atliar, choisinn e
beatha shiorruidh dhuit-sa agus dJiòmhsa, agus do
gacli aon air feadh an t-saogliail a chreideas ann, a
dh' earbas an anama ris, agus a tlia air an co-e'ig-
neachadh a bhi beò dhasan a ghràdhaicli iad agus a
bhàsaich air an son. Creid'ann, agus bithidh tu air
do thdarnadh ,- earb as, agus cha mheallar thu. So
gealladh Dhe' ; dhuit-sa tha an gealladh so air a
dheanamh ; earb ann — tha e sgrioblita le peann sior-
ruidh — air a thoirt seachad fo bhòid nach failnich.
Tha fasgadh rau d' choinncamh — teich d'a ionn-
suidh ; 'se do bheatha — do làn bheatha ,- thig mar a
ta thu — thig a nis — na bi fo amharus — is e t' Athair
fein tha 'gad ghairm — tha e ann an re'ite riut — fhuair
e fein iobairt air do shon. Thoir an aire nach
cuir thu teagamh ami an Dia, agus nach creid thu
nàmhaid t' anama 'roghaimi air ; oir 's esan tha
dùsgadh an amharuis thruaigh tha 'gad chumail o
uchd t' Athar.
Thog Màiri a sùilean ri nèamh, a's phaisg i a dà
làimh air a h-uchd. '^ Tha mi 'n dùil," ars' ise, ''gur
è. A Thighearna tha mi creidsimi ; neartuich thusa
mo chreidimh. O I gu'n deanadh anspiorad naomh
gach amharus agus teagamh tliuadach, agus gu'n
tugadh e dhòmhsa làn earbsa làidir shocrach a chà-
ramh air toillteannas mo Thigliearna, air obair na
saorsa 1"
Thubhairt mi rithe gu'm b'e sin miann De' — glòir
a thabhairt dhà le earbsa as. iVir falbh mata ìe t'
amharus agus le t' eagal ; tha t' eagal a' fuarachadh
do ghràidh, tha so a' pasgadh a suas sgiathan a' clireid-
imh a tlia togairt sgaoileadh a mach agus itealachadh
air falbh. Earb mata ami am focal, ann an gealla,
Dhi, agus dean uaill san t-Slànuighear. Bochd,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence