Skip to main content

‹‹‹ prev (28)

(30) next ›››

(29)
11
mi-airidh, truagh, peacach, mar tha thu, creid ; agus
abair, Bhasaich Criosd air mo shon-sa, agus is leam
e — 's leam an ìobairt re'ite thug e seachad — air mo
slion-sa tha e beò, agus a' deanamh eadar-ghuidhe
shuas ami an nèamh. x\bair, 'si so acair m' anama
tha air a tilgeadh fada stigh do'n ionad naomh; agus
ged tha 'n t-eithear beag, breòite, air a luasgadh, 's
air a h-udalair aghaidh nan uisgeachaibh ann an latha
na gaiUinn agus ann an oidhche 'n dorchadais, gidh-
eadh cha 'n eagal di. Cha 'n eagal bomi -. oir tha'n
acfhuiim ris am bheil i 'n earbsa co-cheangailte ri
Righ-chathair Dhe — an acfhuinn luachmhor nacli
fdilnich a cliaoidh ! Tog do ghuth mata, maille ris
an t-Salmadair, agus seinn le caithream taingealachd.
O m' anam, c' aime leagadh thu
Le diobhail misnich sios ?
iV's c' aim' am bheil thu 'n taobh stigh dhìom
Fo thrioblaid a's fo sgios ?
Cuir dùchas daingeann ann an Dia,
Oir fathasd molam e ;
x\ir son na furtachd a's na slàint'
Thug dhomh o 'eudan re'idh.
Fhuair Màiri sjlas. Ged ab'e meadhon a'gheamh-
raidh a bh' ami, bha e dhise mar mheadhon an
t-samliraidh àgus àm seinn nan eun. Dheònaich
am Freasdal caomli a beatha shìneadh a mach ;
chumiaic mi i gu tric na dheigh so, 's bha i ann an
staid shàmhach, shiochail, shona. Bha i ann an
caitheamh thròm, a' sioladh as o latha gu latha.
Chunnaic mi nach robh 'n t-àit anns an robh i freag-
arach— 's i 'n e'igimi chruaidh thug air a bana-
charaid bhochd a cur ann — cha robh aice na chum-
adh 'na seòmar beag fein i — chosg i na bh' aice
air aghaidh an t-saoghail, ach dol a dh' iarraidh na
dèirce cha b' urradh dhi. " Thoir air a h-ais i/*

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence