Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
mar so, gun ghreadhnachas agus gun a' bheag do
àilleachd thalmhaidh a chàireadh an naoidhean so sa'
phrasaich, tlia uidheamachadh a' dol air aghaidh ann
an cearnaibh eile do'n domhan chum ìobairt mhol-
aidh a thairgse do Fhear-saoraidh a' chinne-dliaonna,
Tha'n àird an Ear ag uidheamachadh a tiodhlac :mi. a
h-or, a tùis agus a mirr, chum an càramh aig cosaibh
an leinibh so. Tha druidhean ghce na dLithcha sin
air an dùsgadh gu mothachadh. B' eùlach iadsan
air aghaidh nan speur, agus coslas nan lòchran
àiUidh a tha deàlradh annta ; ach feuch, air ball,
chumiaic iad solus ùr, reul air nach robh iad roimhe
so eòlach, a' gluasad air shghe dhi fèin. Thuig iad
gu'm b'i reul lacoib a bh' ann : dh' imich i rompa,
air teachdaireachd an àigh, gus an d'thùinig i, agus
gu'n do stad i os ceann an ionaid san robh an naoid-
hean 'na luidhe. Rinn na Drùidheah gàirdeachas le
aoibhneas ro-mhòr : chaidh iad a stigh : fhuair iad
an naoidhean le Muire a mhàthair : thiiit iad sios,
agus rinn iad aoradh dha. Ach thngadh teist a b'
àirde air glòir an leinibh so : theiring aingle Dhè, na
spiorada àillidh a tha cuairteachadh cathair an Ti
a's àirde : thainig iadsan a thoirt sanus do dhaoinibh
air mòralachd an leinibh sin a bha nis 'na mhaothran
lag fann ann am prasaich Bhetleheim. Bha san tir
sin buachaillean a' fantuinn a muigh a' deanamh
faireadh oidhche air an treud. B' i so oidhche 'n
àigh do na buachaillibh bochda ! Thàinig aingeal
an Tighearna orra, air 'èideadh le sokis a shoillsich
dorchadas mheadhon-oidhche, agus dheàh'uich glòir
an Tighearna m'an timchioll. Am b' ioghnadh ged
a ghabh iad eagal mòr? ach labhair an t-aingeal
caomh riu le briathraibh bàigheil a dh'fhògair gach
eagal ; Na hiodh eagal oirhh, a deir e ; oirfeuch, tha
mi 'g innseadh dhuihh deagh sgèil «' mhòr-aoihhneis,
an sgèil is aoibhniche chualas riamh : ach cha'n
ann duibhs' a mhàin, mar gu'n abradh e ; cha'n ann
do aon teaghlach, no do aon dùthaich no fineadh ,-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence