Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
LEABHAR NAN CNOC.
Deagli sgeul d mhòr-aoihhneis.
Is moch a thubhairt am Fàidh Micah, agus e air a
shoilleireachadh le Spiorad Dè, " Agus thusa Bhet-
lehem an tìr ludah, cha tu idir is lugha am measg
cheamiard ludah : oir asadsa thig Uachdaran a stiùras
mo shluagh Israel." Thàinig an t-àm sin a nis
m'an cuairt, lùnachd na h-aimsire anns an robh 'n
fhàidheadaireachd so ri bhi air a coimhlionadh, agus
am Mesiah, miann nan uile chinneach, gu bhi aù' a
bhreith. Agus thàrladh anns na làithibli sin, gu'n
deachaidh òrdugh a mach o Cheasar Augustus, an
domhan uile a mheas. Thachair so chum gu'n
rachadh loseph agus Muire suas gu bhi air am meas,
air dhasan a bhi do thigh agus do shliochd Dhai-
bhidh. Agus thàrladh am feadh a bha iad an sin gu'n
dochoimhlionadli làithean a h-inbhe do Mhuire, agus,
gun bhana-charaid gun chobhair, rug i a ceud ghin
mic : phaisg i e ann am brat-speiUdh, agus striochdta
folciimh Dhè, mar thigeadh dhi 'na staid uireasbhuid-
hich, chuir i nahiidhe e ann am prasaich, do bhrigh
nach robh àit aca san tigh-òsda. 'S ann an so a
bha'n sealladh iongantach ! Oighre tighe rioghail
ludah ann an cathair Dhaibhidh, co iosal uireas-
bhuidheach, 's nach d' fhosgail dorus doibh, ni mò
thubhairt teanga, 'nuair bha iad a' siubhal seachad
le ceum tr òm, Gu'm fuasgladh Dia oirbh. Acli tha
sealladh ann ni 's iongantaiche na so fathast, Cruth-
aighear an domhain 'na hiidhe ann am prasaich !
An t-Athair siorruidh 'na leanabh ! Aosda nan
làithean 'na naoidhean maoth ! x\ch ged is ann,
A

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence