Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
18
Ged tlia mi 'caoidh gu cianail, trom,
Nan càirdean caomh a b' ioDmhuinn learn,
Striochd — 's i 'n tirnuigh 'dhireadh uam,
'Do thoil biodh deant'.'
Ni air 'm bu mho a blia mo dhèigh
Ma's ionmhuinn Leat-sa Dhuit gu-n gèill ;
Cha glièill mi acli na thug Thu Fein; —
'Do thoil biodh deant'.'
Agams' gu-n robh 'am chridhe fann
Do Spiorad graidh learn anns gach am, —
Agadsa biodh gach ni a th' ann, —
'Do thoil biodh deant'.'
0! stiiir mo thoil o la gu la,
Na's mo 'an gèiU do D' thoil-sa 'ghnàth ;
'S thoir uam gach ni 'dh'fhàg cruaidh dhomh 'ràdh,
'Do thoil biodh deant'.'
LAOIDH XII.
'S an teampull 's am bheil Dia 'n a thàmh,
(Tigh nach do thogadh riamh le làimh),
Tha Sagart àrd a' chinne-daoin', —
Ar Slànuighear, 'us ar caraid caoin.
Esan a sheas 'an ait' a shluaigh,
'Dhoirt fhuil 'n an riochd, 's a luidh 's an uaigh,
Tha cuimhneach orra fòs air nèamh,
An Slànuighear, 'us an Caraid sèimh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence