Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
46 GAELIC TEXT.
ar glinn iosail; mu gharthaich ar cuanta mora, agus mu
bhoichead ar lochain shamhach fhior-uisge. Mhol e
gach creag agus garbhlacli, agus am badan ceo a
dh'iathas m'an timcliioll. Thug e iomradh air ar
n-orain, agus air ar ceol, ar saighdeirean agus ar ciim-
flieadhna ; agus rna's e nuallan na pioba-moire, cha
do dlii-chuimhnich an duin' eireachdail ! Las mo
chridhe le aoibhneas. Dh'fhiosraich mi m'fheoil ag
eiridh air mo chnamhaibh. So, ars' esan, T\r nam
Beann, nan Gleann, '.s' nam Breacan !
Thoisicli mo charaid an TeacMaire — ach ma thoisich
esan, bhuail iadsan, Chrom e 'cheann. Nacli narach
e, arsa mise ri Coinneach 1 An e sin do bharail, arsa
Coinneach 1 Tha e cho moiteil air a' cheart am ri aon
bhean-bainnse a sheas riamh an lathair ministeir.
Leig thusa leis ; thig e as a' phaiseanaich naire ud a
thiota — agus mar thubhairt b'fhior. Th5isich e gu
malda narach — co ach esan 1 Cha leaghadh an t-ini
na bheul. Cha-n 'eil fios agam, a dhaoin' uaisle, a
deir e, ciod is urra dhomh a radh — . Thug e tuisleadh
no dha, mar dheanadh each crubach 's an dol a mach
ach mar ghabh e teas, agus mar chaidh e fo shiubhal,
chuir e dheth gu h-innich. C'aite nis a' bheil an
naire, arsa Coinneach Paiadh % Nach d'thubhairt mi
riut ? Sud e an impis sgaineadh le moit, Labhair
e gu maith, agus gu ro-mhaith. Thug e dhoibh
eachdraidh na Gaeldachd o laithibh Fhinn mhic-
Cumhaill. Labhair e mu sgoihbh agus mu eaglaisibh,
mu dhaoin' a rinn maith d'ar duthaich anns na
linntibh a dh'fhalbh, agus anns an am a tha lathair.
Labhair e mu thogradh nan Gael gu foghlum fhao-
tainn, agus mu iomad ni nach urrainn domh a chur
sios.
Lachlan McLean.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence