Skip to main content

‹‹‹ prev (53)

(55) next ›››

(54)
15 Acli tarlaidli, miir eisd thu ri guth an
Tighearna do Dhe, a thoirt fa'near gu'n dean
thu àitlieantan agus a reachdan uile, a tha mi
ag àithneadh dhuit an diugh, gu'n tig na
mallaclidan so uile ort, agus gu'm beir iad ort.
16 Mallaichte bithidh tu sa' bhaile, agus
mallaichte bithidh tu sa"* mhachair.
17 Mallaichte bithidh do bhascaid agus do
chuibhrionn.
18 Mallaichte bithidh toradh do chuirp, agus
toradh t'fhearainn, fas do chruidh, agus treudan
do chaorach.
19 Mallaichte bithidh tu 'nuair a thig thu
stigh, agus mallaichte bithidh tu 'nuair a theid
thu mach.
20 Ouiridh an Tighearn ort mallachadji, mi-
shuaimhneas, agus achmhasan, anns gach ni ris
an cuir thu do làmh gu Mheanamh, gus an
sgriosar thu, agus gus an teid as duit gu h-
obann, air son aingidheachd do ghniomhara leis
an do threig thu mise.
21 Bheir an Tighearn air a'phlaigh leantuinn
riut, gus an claoidh e thu bhàrr an fhearainn,
d'am bheil thu dol a steach g'a shealbhachadh.
22 Buailidh an Tighearn thu le caitheamh
agus le fiabhrus, agus le h-ain-teas, agus le h-
ard-losgadh, agus leis a"* chlaidheamh, agus le
seargadh, agus le fuar-dhealt : agus leanaidh
iad thu gus an teid as duit.
28 Agus bithidh do speuran a ta os do
cheann 'nan umha, agus an talamh a ta fodhad
"na iarunn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence