Skip to main content

‹‹‹ prev (524)

(526) next ›››

(525)
GIIAIDHEALACH. 503
'S ANN AIR FEASGAR DI-CIADAIN.
Le Murachadh Mac Leòid, an saighdear Sgiathaxach.
Ni mi innse le fìrinn, an nì rinn mo chràdh,
Nì blieir snith air mo shùilean, 's a dhùineas mo cliàil,
An gaol thug mi 'n mhaighdinn bu chaoimhneile gnàth,
D' am b' ainm Màùi Anna, tha 's an anart a' cnàmh.
'S ann air feasgar Di-ciadain 'n uair bha 'ghrian anns na neòil,
A' deah'adli gu sgiamhach le sgiathan mar òr,
'Thachair mise 's mo ghràdh ann an gàradh nan flùr,
Is bha fàileadh nan ìibhhin gu cùbhraidh mar thùis
Riini mi fhoighneachd do 'n òg-bhean, gu stòlda 'sgu ciùin,
"'Ntèid thu còmhl' rium, mo mhàltag gu sgàile an tùir,
Far nach 'eil nì gus ar còmhdach, bho lòinteag an driùchd,
Ach duiUeagan bòidheach nan òganan ùr."
"Thèid mi leat roimh gach cunnart air muir a's air tìr,
'S gu 'n dean mi fuachd fhuhmg, gus do chumail gun dìth,
'N uair a thèid thu do 'n bhh\r, bidh mi làmh riut le m' sgèith,
Chum do dhion o na nàimhdean 'n uair thàrr'nte lann geur."
'N uair thuig a h-athair 's a màthair gu'n robh Màiri an gaol,
Ilinn iad fhoighneachd gun dàil dhi, co h-àiUeagaii caomh'!
Thuirt i riu gu *m h\\ ghunnair e, o mhullach an t-slèibh,
No à Gàidhealtachd na h-Alba, far am marbhte na fèidh,
'N uair a chual iad am facal, gu 'n do ghlais iad i suas,
Ann an seòmar a cadail, fad seachdainn gun truas;
Bha mo chrìdh' air a bhristeadh, nach f haighinn bruidhinn ri m' luaidh,
'S i gu'm choimhead roimh'n uinneig, le snith air a gruaidh.
Thàinig litir gu 'm ionnsuidh, air a dìuiadh gu dlùth
Mi 'ruitli sios gu siùbhlach gu cùl-thaobh an dùin,
Far an robh carbad gu mùirneach, gus mo ghiùlan gun dàil,
Gu paileis duin'-uasail, far 'n robh gruagach mo ghràidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence