Skip to main content

‹‹‹ prev (440)

(442) next ›››

(441)
GHAIDHEALACH.
'Nigh'n òg a chuil dualaich,
Bha mi uair a's tu rèidh ;
'Nis', o 'n thioundaidh thu d' fhuath orni.
Tlia mi snarrach mu d' dhèilih'ji:
Chuir thu d' air' aii- duin' uasal;
Deang an cruas, 's dean de feum:
Dh' fhàg thu mise mu 'n cuairt duit
Mar chaora fhuadain air sprèidh.
Dh'ìnnsinn aogas mo leannain —
Cùl clannach, cas, dlùth;
Riut a dliealaicheas gach sgainneal,
Riut a leanas gach cliù:
'S àluinn sìneadh do mhala,
'S glan sealladh do shùl',
Aghaidh shoilleir an sgàthan —
'S glan deàrrsadh do ghnùis'.
A cheithir bliadhna na taic' so,
Ghabh mi tlachd dhiot an tòs;
Le sùgradh 's le macnus,
Mar a's cleachd le cloinn òig;
Bha car fo d' laimh-se gun fhios domh
Nach do dh'fhiosraich mi 'nòs; —
Dh'fhàg thu mise mar thalcais, —
Beannachd leat, ma 's i 'chòii-.
GLEANN CHILL-A'-MHARTAIN.
Le Eobhan Mac Gill' Iosa.
AiR FONN. — "Mo rùn geal dileas." no "Còire-cheathaichy
Gleann Chill-a'-mhàrtain far an d'fhuair mi m' àrach,
'S e 'n gleann is àillidh leam tha fo'n ghrèin,
Le thulaich neòinein s' le shliosaibh bòidheach,
'S a shraithean chòmhnard tha math gu feuni.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence