Download files
Complete book:
Individual page:
Thumbnail gallery: Grid view | List view
GHAIDHEALACH.
ORAN DO GHLASCHU.
Le D. Mac-A-Phearsain.
AiR FoNN. — "Mort Ghlinne-Comhunn."
'S mi so an Glilaschu nam bùithean,
Far bheil fasain a's ioghnaidh gu leòir,
Leis na chunnaic mo shùilean,
Tha mo chridhe air dùsgadh gu ceòl,
Sluagh mar sheangain gun àireamh
Ruith gach rathad 's na sràidean nan deann,
Am measg toit a's droch fhàile
'S pailteas fearainn dol fàs feadh nan gleann.
Ged tha Ghlaschu cliùiteach
Anns na fasain a's ùire fo'n ghrèin,
'S iomadh trioljlaid a's neòghloin
Tha luchd misg toirt dh'an deòin orra fhèin;
Cha 'n 'eil bainne ann ri fhaotainn,
An deoch is feàrr air an t-saoghal gu lèir,
Ach beirm làidir a' chaochain,
A' cur mhnathan is dhaoin' as an cèill.
Dol troimh Mhargadh an t-shalainn,
Far an lionmhor luchd malairt an èisg;
'S iomadh bodachan peallach,
Bhios a' seinn air gach ealaidh fo'n ghrèin,
Cailleach mhòr, bhuidhe, ghris-fhionn,
'Figheadh stocaidh a's pìob ann na beul,
Ag èigheach, "Sgadan Lochfme,"
'S i air tùchadh le innseadh nam breug.
Ged as àillidh an sealladh,
Mnathan uaisle a' bhaile gu lèir;
Ag imeachd feasgar 'na Sàbaid,
Air sràid Earraghàidheal nan seud.
ORAN DO GHLASCHU.
Le D. Mac-A-Phearsain.
AiR FoNN. — "Mort Ghlinne-Comhunn."
'S mi so an Glilaschu nam bùithean,
Far bheil fasain a's ioghnaidh gu leòir,
Leis na chunnaic mo shùilean,
Tha mo chridhe air dùsgadh gu ceòl,
Sluagh mar sheangain gun àireamh
Ruith gach rathad 's na sràidean nan deann,
Am measg toit a's droch fhàile
'S pailteas fearainn dol fàs feadh nan gleann.
Ged tha Ghlaschu cliùiteach
Anns na fasain a's ùire fo'n ghrèin,
'S iomadh trioljlaid a's neòghloin
Tha luchd misg toirt dh'an deòin orra fhèin;
Cha 'n 'eil bainne ann ri fhaotainn,
An deoch is feàrr air an t-saoghal gu lèir,
Ach beirm làidir a' chaochain,
A' cur mhnathan is dhaoin' as an cèill.
Dol troimh Mhargadh an t-shalainn,
Far an lionmhor luchd malairt an èisg;
'S iomadh bodachan peallach,
Bhios a' seinn air gach ealaidh fo'n ghrèin,
Cailleach mhòr, bhuidhe, ghris-fhionn,
'Figheadh stocaidh a's pìob ann na beul,
Ag èigheach, "Sgadan Lochfme,"
'S i air tùchadh le innseadh nam breug.
Ged as àillidh an sealladh,
Mnathan uaisle a' bhaile gu lèir;
Ag imeachd feasgar 'na Sàbaid,
Air sràid Earraghàidheal nan seud.
Set display mode to: Large image | Transcription
Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated.
Early Gaelic Book Collections > J. F. Campbell Collection > Gaelic songster > (415) |
---|
Permanent URL | https://digital.nls.uk/79346753 |
---|
Description | Volumes from a collection of 610 books rich in Highland folklore, Ossianic literature and other Celtic subjects. Many of the books annotated by John Francis Campbell of Islay, who assembled the collection. |
---|
Description | Selected items from five 'Special and Named Printed Collections'. Includes books in Gaelic and other Celtic languages, works about the Gaels, their languages, literature, culture and history. |
---|