Skip to main content

‹‹‹ prev (401)

(403) next ›››

(402)
ORAIN
Gu ma slàn do mo Mhàiri bhòidheacli,
Ge b'e àite 's am bi i chòmhnuidh,
'S e mo dhùrachd-sa 'm fad 's a's beò mi,
Gu'm bi gach sòlas aig Mhàiri bhòidheach.
A Mhàiri bhòidheach, etc.
CADAL CHA'N FHAIGH MI.
Seisd. — Cadal cha'n fhaigh mì,
Cadal cha'n fhaigh mise;
Cadal cha'n fhaigh mì
'Cuinihneachadh air d'fhuran.
Tàmh cha d' fhuair mi 'n raou',
Cha'n fhaigh mi nochd na h-urad;
'Cuimhneachadh mar bhà
Sinn 'an tigh bàn nan uinneag.
Bha mi air an fhèill,
Bha na ceudan mar rium;
Bha mo leannan ann,
'S gann gu'n d' rinn e m'fharraid.
Thuirt an duine 'n dè:
"Na'n trèigeadh tu do ghealladh,
Ghleidhinn dhuit fear-maoin
Le chrodh-laoigh air ghleannaibh.'
Ged gheabhainn-se fear-maoin,
Le 'chrodh-laoigh air ghleannaibh,
B' annsa leam an t-òigeii-
As a chòta-cheannaich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence