Skip to main content

‹‹‹ prev (271)

(273) next ›››

(272)
250
ORAIN
'S tric bha mi 's mo ghràdh,
Ann an sgàil na coille,
Thogadh ise ceòl, —
'S dli-èisdeadh eòin na doire.
Hù o, tha mi tinn !
Chuir iad tliu 's an ùii',
Socair, ciùin, a'd' laidhe;
'S mis' cha 'n fliaic mo rùn,
Gus an dùisg mi 'm flaitheas.
Hù o, tha mi tinn !
Bhithinn-se le m' luaidh,
Taobh nam bruach 's nan gleannan;
Tha i nis 's an uaigh, —
O, cha ghhiais mo leannan !
Hù o, tha mi tinn!
Dhòmh-sa bha mo rùn
Mar reult-iùil mo bheatha,
Thug mi dhi mo ghràdh,
'S dh' fhalbh mo shlàinte leatha.
Hù o, tha mi tinn !
'S goii-id bhios mi beò,
'S mi ri bròn a's mulad ;
Rinn do bhàs mo leòn,
'S foghnaidh dhòmh-s' am buill' ud I
Hù o, tha mi tinn!
D'àite-sa 'n am chrìclh',
Nì cha llon aii- thalamh;
Ann an tìr an àigh,
Dhòmh-s' cum àite falamh.
Hù o, tha mi tinn.
Dh' fhalbh mo leannan fèin,
'S tlia mi deurach, dubhach,
Tha mi 'triall na 'ceum,
Ciod am feum 'bhi 'fuireach?
Hii o, tha mi tinu !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence