Skip to main content

‹‹‹ prev (240)

(242) next ›››

(241)
GHAIDHEALACH. 219
Chi mi Cuchuilinn
Mar leogliann gun tioma,
Le 'fhiasag d' an t-sneachd
Aii- a pasgadh m' a cheann;
'S a ghruaidhean a' srùladli
Le easanan smìiideach
'Tha 'tuiteam na 'n lùban
Gu urlar nan gleann.
Do chreagan gu h-uaibhreach,
Mar challaid m' an cuaii't dhuit,
'S na neòil òir an iomaii't,
A' filleadh mu 'm bàrr;
'S am bonn air a sguabadh
Le srùlaichean gruamach,
Bho bharcadh a' chuain
A' toirt nuallain air traigh.
O, c' àit 'eil na gaisgich
A dh' àraich do ghlacan,
'Bu shuUbheara macnus
Mu stacan a' cheo —
Le fùdar 'g a sgailceadh
Bho 'n cuilbheirean glana,
'S am miolchoin 'n an deannaibh,
Nach fannaich 's an tòir;
Na laoich nach robh meata
Ri aodann na batailt,
Nach aomadh gu taise
Ri caismeachd an nàmh]
Cha 'n 'eil raon agus machaù'
Air na sgaoil iad am bratach,
Nach d' fhàg iad an eachdraidh
Gun mhasladh do 'n àl.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence