Skip to main content

‹‹‹ prev (225)

(227) next ›››

(226)
Nàile ghuidhinn dhuit gun bhrosgul,
Slàinte, sonas, agus miadh,
'Scuibhl' an fhortainn bhi 'dol timchioll,
Ceart mar fhreagreas i do d' mhiann.
Fàilte dhuit, etc.
A's thu philleadh do ar 'n ionnsaidh,
Làn a dh-iunntais f o do chòii- ;
Saoghal fada gus a mhealtuinn,
'S fois nam beannachd dh-ait fa-dheòidh !
Fàilte dhuit, etc,
LUINNEAG,
LE Maiki Nic Ealair,
AIR DHI DEOCH DE DHROCH UISGE 'fHAOTAIXN.
Seisd. — O hi-rì, ho raill 6,
Raill 6, ho raill 6 ;
O hi-ri, ho raill 6,
Mo chridhe trom, 's cha neònach !
'S e 'chiiir mis' a dheanamli duain,
'Mheud 's a chuireadh orm de ghi-uaim,
Leis an deoch de dh-uisge ruadh
A fliuair mi an Hanòbhar.
O hi-rì, àc.
'S ainneamh 'chaochail sruth os cionn
A' chlabair a bha ann an gi'unnd
Na h-aibhne a bha ruith gun sunnd,
Le bùrn nach tugadh solas.
O hi-rì, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence