Skip to main content

‹‹‹ prev (216)

(218) next ›››

(217)
OHAIDHEALACH. 195
'S iomadh sruthan mear mu d' ghuaillean,
Lachannaich, dà thaobh Choir-uanain,
Griogaraich nan lann bho 'n Euadh-shruth,
D' am bu dual an ruaig a leanailt.
Hùgaibh, etc.
Meur is fòghlumt' air cur grèis thu,
Beul is binne, 's grinne leughas,
'S tu mar smeòrach anns a' chèitein
'Gabhail bheus air gheiigan barraich.
Hùgaibh, etc.
Moire 's i mo ghaol an rlbhinn !
Cas is deise 'thèid roimh'n ruidhle.
Mala chaol mar it' an f hior-eoin,
Deud geal ìbhi'i, dionach, daingean.
Hùgaibh, etc.
So mo litir 's giùlan bhuam i
Chum na rìbhinn thug mi luaigh dhi,
'S iimis dhi nach toir mi fuath dhi,
Gus an dean an uaigh mo sgarradh.
Hugaibh, etc.
'S iomadh latha chaidh mi 'n cheàrdaich,
'S mi 'n dùil gu 'n deanainn do thàladh,
'S bho 'n thug d' athair aghaidh-nàir' dhomh,
Bidh mi 'f àgail agad beannachd.
Hùgaibh, etc.
MOLADH NAN LAOCH GAIDHEALACH.
Le Cailein Caimbeul.
Seisd : — Ho gur coma leam a' bhrigis,
Gur-a liobasda fo m' shàil i;
'S mòr a b' anns' an t-èile cuaiche
Dhol a shealg feadh chruach a's àrd-bheann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence