Skip to main content

‹‹‹ prev (201)

(203) next ›››

(202)
ORAIN
Ma bha thu riamh tràth foilleil dhomh,
Bha choire agam fèin;
Mo ghaol a' mhaighdean ùrailteach,
'S ro mhuladach mi 'd dhèigh.
Do dheud tha mar na nebineinean,
Do phògan mar a' mhil ;
Do chùl tha bachlach, òr-bhuidhe,
'S e 'n òrdugh air do shlios;
'N uair theannadh tu ri 'shlìogadh
Gur fada 'chìt' a dhreach;
'S 'n uair leagadh tu le cìr e
Leat mheallteadh mìle fear.
Is diombach mi do 'n bhalach ud,
Thàinig oirnn à machair Ghalld' ;
'S a rinn le stòras buaireasach,
Do mhealladh bhuam 's an àm ;
Na 'n tachrainn anns a' bhealach air,
No auus a' ghleann ud thall,
Gur ann mu dhèigh na gruagaich,
A rachaum 'bhualadh lann.
Ach bheirinn mionnan fìrinneach
Co cinnteach ris a bhàs,
Ged a leagteadh 'm Bìobull,
'N a shìneadh air mo làmh,
Nach cualas dad de mhi-chliù ort,
Ach sjghail, caoimhneil, blàth;
Cha b' ioghnadh thu bhi dìleas dhomh,
Bho 'n thug mi fèin dhuit gràdh.
Gu 'm bu slàn do m' ghruagach;
Is mìlis cainnt a beoil —
Dh' fhàg thu bho'n Di-hiain ud mi,
Fo bhruilleadh a's fo leon.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence