Skip to main content

‹‹‹ prev (167)

(169) next ›››

(168)
146 ORAIN
'N uah- a rachadh tu 'n tigh-bsd',
'S tu nach sbradh an gini ;
Bhiodh na botail air a' bhòrd,
Càch ga 'n òl, 's thu ga'n sii-eadh.
Air a' ghille, etc.
'S ann am Muile nam beann fuai',
Tha mo luaidh de na gillean ;
Dh' aithnichinn thu 'measg an t-sluaigh,
Leis na h-ùaislean a' tighinn.
Air a' ghille, etc.
Feasgar Nolhiig 'dùl gu bàl,
Loisg a's chràidh sud mo chridhe ;
Gach fear le nionag aig' air làimh,
'S fear mo ghràidh-sa gun tilleadh.
Air a' ghille, etc.
'S 'd è ma theid thu do'n taobh tuath,
Gu'm bu luath ni thu tiUeadh ;
Tha na nionagan an gruaim,
Bho nach d' fhuair iad an giUe.
Aii' a' ghille, etc.
Gu bheil m' inntinn-sa cho trom,
Ri hiing mhoir aii' bheag sgiobaidh ;
Bho 'n a dh' fhalbh an gille donn,
'Thogadh fonn air mo chridhe.
Air a' ghille, etc.
Their mo mhàthair rium gach uaii',
"Eirich suas 's tog do mhisneach ;
Ged 'tha 'n gille fada uait,
Cha bhi gruaim air 'n uair thig e."
Air a' cfhiUe, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence