Skip to main content

‹‹‹ prev (160)

(162) next ›››

(161)
GHAIDHEALACH. 139
Gecl leanainn air an ealain clhaibh,
Fliad 's 'bhitliiun air an talamli so,
Cha 'n innsimi trian cle'n aimbeartas
Tha 'n ceangal ris a' phòr ud.
DO 'N CHUTHAIG.
Leis ax Lighiche Mac-Lachainx xach maireann.
Failt' ort fèin, a chuthag ghorm,
Le cl' oran ceolmhor, milis;
'S e seirm do bheoil 's a' chèitein og
A thogadh bron o m' chridhe.
'S ro bhinn leam d' fhuaim 's a' mhadainn chèit',
'S tu air bàiT gèig 's an innis,
!No 'm feasgar ciùin aig bun nan stùc
'N uaù- bhiodh an drùchd a' sileadh.
O, innis c' àit' an robh do thriall
'N uair bha na siantan fìonnar;
N' an robh thu 'toscl gun chàil, gun toirt,
An còs a' chnuic fo dhubhar 1
'S mor m' fharmad riut, a chuathag chaomh,
Cha dean thu bron 'n ad shiubhal ;
Chionn tha do dhoii'e daonnan gorm,
'S do chridhe daonnan subhach.
Ged theicheas tu roimh 'n fhuachd air àm,
Gu'm faic do ghleann thu rithist ;
Ach 'n uair bheir mise ris mo chùl,
Cha bhi mo dhùil ri tilleadh.
'S truagh nach b' uiTainn domh leat triall
Air astar sgiath' 'n ar dithis —
Le caismeachd bhinn 'toirt fìos gach àm
'JST uair bhiodh an Samhx-adh 'tiirliinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence