Skip to main content

‹‹‹ prev (156)

(158) next ›››

(157)
GHAIDHEALACH.
MacLeoid anns na h-Earradh,
Air fara-lai-leò, etc.
'S càirdeach tha mo leanabh,
'Shìol Ailein Mhic-Ruairidh.
Hì-ò-hìri-ìbho, etc.
'S a mhic lain, mhic Sheumais,
Tha do sgeiil air m' aire.
Hl-ò-hìri-ibhò-hì-èileadh, etc.
ORAN DO NA FASAIN,
Le Domhnull Mac-Ruairidh.
AiR FoNN : — Moladh Beinn-dorain.
Urlar.
Tha solus aig Miss Laing,
Anns na seomraichibh,
Maighdeanan ro ghrìnn
Aice 'còmhnuidh annt';
Cnap an cùl a cinn,
Cnot uime de 'n t-sìod' —
Fasan 'thug i 'n tìr so,
'S cha bhòidheach e.
'S mòr gu 'm b' annsa cìr,
'S car uimpe de stìom,
Currac air an cinn,
'S e bu bhòidhche leam.
'S ann is coltach sibh,
Ri maighdeanan Lìt'
'H-uile te ri strlth
Co is leomaiche ;
Seacaid de 'n t-sìoda
Mar chomhdach orr'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence