Skip to main content

‹‹‹ prev (274)

(276) next ›››

(275)
263
Bhi cuir fudair anns na creagah,
Chuireadh e eagal air bocain,
Bhi i^a 'n tolladh leis an tora,
'S bhi ga 'n sparradh leis na h-ordan,
Daoine marbhadh bhi jja 'n gluasad,
'S gnothuch uamhraidh gu leoir e,
'S na 'n leanainn e gu grunnd an t-seanchaiSj
B' ainmeil e na arm Righ Deòrsa.
'S cha d' theid a chorp fhein gu dilinn,
Thiolacadh an aite gràsmhor,
'S ann theid a iosgadh mur iobairt,
Air a dhiteadh leis na faidhean,
Theid a luath chuir le abhuinn,
'IM aite nach fhaighear gu brath i,
'S cha 'n fhaigh e ach rud a thoill e,
Chionn gu 'n d' rinn e gnothuch graineil.
Ach dh' f halbh an gùth 's thug e chul riumj
Agus thionndaidh e gn h-ealamh,
Thuirt e rium gu 'n d' rinn e diochuimhn,
'S e ga innse dhomh mur charaid,
Fios a thoirt dh' ionnsaidh Dhughaill,
Gu 'n robh a ghual a's uird ro ealauih,
Dheanadh torachan a Dh' Fhiunnla,
Chuir fùdair an Dail a charra.
Smaointich mi so ann am inntinn,
Nach bithinn a diteadh Dhughaill>
Tliuirt mi ris gur duine grinn e,
Do dh' fhuil na 'n Righrin na 'n StiCibhart,
Tha e fhein na dhuine toileil,
Dheanadh gnothuch do dh' fhear duthcha ;
'S on bha Fiùnnla na chabhaig,
Cba bu mhath leis bhi ga dhiultadh.
R 4

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence