Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
59
An Camashronach garg o n Earrachd,
Mur ursainn chatha 's na blaraibh ;
Dh' aontaich sinn mui' aon 'sa bhatailt,
Le faobhar lann sgaiteach staihnn ;
Ch'a bu gliniomh le 'r laoich gun taise,
Fantail air an ais *sa 'n lamhach.
Bhruchd na naimhdean le 'n trom chàdaibh,
Air muin chaich a' barcadh teine ;
'Nuair fhuair Sasunnaich droch caradh,
PhiU iad o 'n araich na 'r coinneadh ;
Giilaodh Eabacrombaidh ri chuid armuinn,
Tairngneadh na Gaidheil mu 'n coinneadh ;
'S tionndaidh iad an ruaig mur b'abhaist,
An dream ardanach neo fhoilleil.
Greasad air an aghairt 'sa 'n araich
Ghluais na saighdeircan nach piUte,
Mur iolairean guineach gun chaoimhneas,
Nach b' f hurasta chlaoidh le mio-mhodh ;
Thug iad sgrios orra mur bhoiUsgeadh
Dealanaich, ri oidhche dihnn ;
Ri sior iomain romp' na 'n naimhdean,
'S neul fal* air roinn am picean.
'Nuair a dh' iondrain a chonspuinn
Moir-f hear Gordan o uchd bualta ;
*Sa chual iad gu 'n robii e leointe,
Dh' ùraich iad le deoin an tuasaid ;
Mur mhaoim do thuil na 'm beann mora
Bruchdadh o na neoil mu 'r guailhbh,
Lean iad an ruaig le cruaidh spoltadh,
Gu fuilteach, mhor-bhuilleach, gruamach.
Bha Camshronaich an tus a chatha,
Air an losgadh mur an ciadna;
c4

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence