Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
32
'S ma 's {ea.vsteids thu 's fheard thu eideadh,
'S ioma speic a bheanas duit,
O n 's pailte eucoir leat na reusan,
Tha do chreuchdan salach dheth;
Tha chuis ud air a comhdach,
O 'n 'se 'm bosd a chanadh leat
Seinnear piob leinn, 's lionar pios duinn,
*S cuirea-mid sios gu tartarach,
Air ol fiona 'n ainm na ti ud,
Dh' orduigh pris m 'm brataichean ;
Cha dean priob a chuir gu h-ìreachd,
An tosta rìoghail againne,
Ach toga-mid le foirm i,
Le stoirm a's le beachdalachd.
A shiol na 'n Collaibh treubhach,
Leis an eighte na batailtean ;
O 'n tharladh dhuinn bhi 's tabhaim,
Gunbhairlinn gun teachdaireachd ;
Gu 'n ola'-mid gu h-ordail,
Gu morchuiseach, smealpara,
Deoch slainte 'n leoghuinn loinich,
Nach maoimeadh roimh 'n t-snapaireachd.
Deoch slaint an leoghuinn threin chalma,
Eugsamhail spraicealachd ;
Na 'n tigeadh do chinn fìieadhnaidh,
Bu mheadhrach 'ur bt ataichean ;
Cha b' fhiambach sibh 'n 'ur campa,
Measg ghall feadh na 'm machraichean ;
'S cha bu chabar stangach,
Gun taing bheireadh snasadh oirbh.
Tha iad gu h-oirdhearg, geurbharr, coirilidh,
Teintidh, foirdhearg, lasarach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence