Skip to main content

‹‹‹ prev (278)

(280) next ›››

(279)
^S ann diu fior shliochd do thighe,
Rachadh sios leat gun athadh,
Dheanadh gniomh an am crathadh na stailinn.
'S ann diu, &c.
Sin 'sa 'm Moir-fheara Slèibhteach,
Air bharr corra-ghleus 'nuair dh' fheumadh,
Le laoich fhoirmeil nach geilleadh 'n am gabhaidh.
Sin 'sa 'm, &c,
'S laidir gaisgìch Chlann Raoghnuill,
Mur bharr lasrach a't-aobhar,
*S cha b' e b' fhasan doibh claonadh sna blaraibh,
'S laidir gaisgich, &c,
Oighre Chnoideart a bharraich,
Da 'm bu choir a hhi fearail,
'S cian a sheorsa 'm Bun Gharaidh an tamhachd»
Oighre, &c.
Sin a's foirnidh * na choinneadh,
SHochd lain oig as na Ghleannaibh f,
Bhiodh ad chongnadh le barrantas laidin
Sin a's foirnidh, &c.
Mur choin shealgaich air lomhainn,
No barr gailbhinn a's reoghairt,
Comhlan borb Ghlinne Comhunn 'sa Bhraghad,
Mur choin, &c.
Ciod am fath dhomh bhi sireadh,
Na bha deurach mu d' mhilleadh,
'S nach till trein fhir a chruinne gu brath thu.
Ciod am fath, &c.
* Brigade. f Glenaladale.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence