Skip to main content

‹‹‹ prev (277)

(279) next ›››

(278)
'S beag an t-iongnadh do dhislean,
A bhi tursach na 'n inntinn,
'3 gu 'm bu mhuirneach a chis thug am bàs diuV
'S beag, &c.
Chraobh is faide fo fhriamhaich,
Gur h i 's aith-ghearra chrionas,
'S tric tha tobraichean fìor-uisg a tràghadii.
Chraobh is faide, &c.
'S ioma latha mor meadhnach,
Air bharr aidhear a*s greadhnais,
Thug na maithibh an teaghlach na Tragh ud.
'S ioma latha, &c.
Mo chreach leir Clann Mhic DhughaiU,
'S iad mur choiU air a rusgadh,
Co nis sheasas an cùis an am gabhaidb.
Mo chreach, &c.
O 'n a dh' fhalbh an sgiath dfaiòdamn,
Bha na dion aig an sinnsribh,
luchair ghleidhte nach diobradh na 'n càs iad^
O 'n a dh' fhalbh, &c.
Na 'm b' e iomairt no eucoir,
Leis an rachadh do chreuchdadh,
Air mo laimh nach biodh t-eirig gun jihaigheadb.
Na 'm b' e, &c.
'S Honar curaidh deas dealbhach,
Rachadh ullamh g' a dhearbhadh,
Sheasadh duineal fo airm an am tairnge,
'S honar, &c.
3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence