Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
45
'Us cràbhachd 'us caoimh
'Fàs, fo'n t-soiUsean, 's gach rùn !
Dhomh fein 'us do m' ghaol
Gu'n robh 'n Gaol fein mar lòn ; —
O ! aobhachd nan aobhachd
Nach faoit' chur 'am mòid !
Ar cridhe 's ar n-anma
Co-aimligte, — 's fòs
Ar ceud-fathan eanchaidh
'S a' gheanmnachd bu nòs.
Abrach.
31.— EALASAID.
— " Gun d' thug mi '« ionnsuidh òhearraideach/
Gu'x tugainn ionnsuidh bhearraideach
Air dàn a sheinn air Ealasaid,
Nion àillidh nam bèus ceanalta,
Lèug-thàlaidh nam fear òg.
A gruag air f hiamh nan dìtheanan,
'Nà dualaibh cuachach lìomharra,
M'à guaillibh bàn, gu sìodanach,
Mar chanach mìn an lòin.
A sùilean gorm-ghlan gràdh-theumach
Mar dhriìichd 's a' mhaduinn àileanta
Air dearcaibh ùr na fàsaiche
Fo ghreln, a' dearrsadh beò.
Beul guamach, cuanda, mealanta,
Air seinn nan duanag ealanta ; —
Gur niarachd fear a mhealas e,
'S do cheanaltas, le còir.
Geal-mhuineal mìn mar fhar-rusgaig
An ròis air ògan meanganach, —
'S e soillseachadh, mar chamhanaich,
Gu faileasach, troi 'n t-sròl.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence