Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
38
Bu dosrach ciabh a' bharraich ghuinn,
Bu chùbhraidh 'n sgitheach blàth'or,
Is mi f' a fhasgadh boltrach ùr,
'S mo rìin rium dlùth 'g à càradh.
Na h-uairean òir, air aingeal sge'ith,
Grad, tharainn, chaidh, 'nar sòlas ;
Oir b' annsa leam na beatha gràdh
Mo Mhairi àluinn bòidhich' !
Le ioma bòid 'us mànran blàth
Mo ghràdh do rinn mi phògadh ;
'S a' gealltuinn tric à comhlachadh,
Ar dealachadh bha brònach ;
Ach O ! mo chreach, an reothadh-bàis
A mheath mo ghràdh 'nà h-ògan !
Gur fuar an uaigh, an t-aite-tàimh
Tha 'nis aig Mairi bhòidhich !
Ge fuar 's a' bhàs am beulan gràidh
A's tric a bha mi 'pògadh ;
Ge dìiint* gu bràth a' mhiog shuil bhlàth
Bha daonnan càirdeil dhòmhsa ;
'S 's an ìiir ged thà an cridh' a' cràmh
A thug dhomh gràdh le deòthas ;
O ! 'n cridh' mo chuim bi'dh Bith gu bràth
Aig Màiri àluinn bhòidhich !
Abrach.
26 NIGHEAN NA H-OSTAIGE.
Fonn — " Go to the d / and shake yourself."
Ail. " Nach ceutach ni'an na h-òstaige,
'S i rèidh air son a bhi còrdadh rith' ?
Is pèurlainn uile 'ta còmhdach à muineil,
'S à deise gu buileach ro òidamail !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence