Skip to main content

‹‹‹ prev (14)

(16) next ›››

(15)
11
'S sìol treun an tigh' mhùirnich
F' à dlù'-dhos 'g a dhion !
Tearnadh o neàmh an driùchd,
Dìreadh o làr an sùgh
A bhrùchdas le lùisreadh
Roi' f hiùran gach meòir ;
Fuaim biodh 'an tìr nam beann,
Luaidh aig gach glaic 'us gleann
Ruairidh Mhic Ailpein duibh, hi è, ho r6 !
Cha bi cuiseag an f huarain,
Bhios uaine mu Bhealtuinn,
Gu searg anns a' gheamhradh,
Craobh cheannaird ar slòigh ;
'Nuair sguabas sìon gàbhaidh
Gach blàth air a' chruach-bheinn,
'S ann is mò ni Clann Ailpein
De dh-uaill as à cròic !
Fuaighte ri creag nan colg,
Suainte mu bhràigh' nan sgolb,
'S dlùithe ni 'n rua'-fhreumhach
Suaineadh mu'n sgòrr ;
Braid-alban bheir luaidh air 'ainm,
Tiathaich bheir cìs do dhream,
Ruairidh, &c.
Gu'm b'àrd sgal ar pioba
'>.' àm dìreadh Ghlinn-fraoine,
'S bha 'm Bàn-choire 'g gaoir
'Nuair a ghlaodh sinn an t-àr !
Thuit seòid Locha-laoiminn
Fo phaoichdibh ar dù'-lann,
Chaidh smùid ri Gleann-lùis,
'S chuir sinn Dù'-ros 'na smàl !
Mìn-mhnathan òg nan Gall
Cian bi'dh iad brònach fann,
A' cuimhneachadh èuchd
Nam fear tre'un anns an tòir ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence