Skip to main content

‹‹‹ prev (36)

(38) next ›››

(37)
33
TUIREADH.
Tha mulad orm, tha mulad orm,
Tha cudthrom air mo chliabh
'Am shìneadh air an tnlaich ghuirm,
Air m* uilinn anns an t-sliabh,
A' dearcadh far a' mhullaich so
Air a' ghleann 's an d' rugadh mi,
'Cuimhneachadh na bhuineadh dhomh,
'S gach duìne dhiubh air triall.
'S iomadh òigfhear curanta
A chunnaic mi 's a' ghleann,
Gu lùthar, làidir, fulangach,
Gun uireasbhuidh, gun mheang;
Bu chaoimhneil, càirdeil, duineil iad,
Gu bàigheil, pàirteach, furanach,
An sàr dhuin' uasal urramach
'N a churaidh air an ceann.
'N uair chruinnicheadh an còmhlan ud
An deigh trù-noin fo bheus,
Gu-m b' fhonnar, binn na h-òigheanaa
A' tciseadh ceòl nan teud;
Cha-n ìoghnadh mi 'bhi 'g osnaich,
'S nio chridhe 'bhi 's a' phlosgartaich,
Air u-àile gur a coltach mi,
Ri Oiseiu 'n dèigh na Feinn'.
Tha mulad orm, tha mulad orm,
Gur duine mi gun toirt,
A' cuimhneachadh air m' uireas'aibli
Cha-n urra dhomh'bhi 'tosd,
'Am aonaran's an t-saoghal so,
Gun phruip, gun taic', gun daolne agam,
'S mi air an udail fhaontraighe,
Mar fhaoileia feadh nam port.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence