Skip to main content

‹‹‹ prev (136)

(138) next ›››

(137)
135
Cornach, cupanach, fionach,
Glaineachan honta a stopaibh ;
Gu cairteach, taihsgeach distneach,
'Stailc air uigh na 'm foirnibh ;
Dhomhsa b' fhurasd' sud innse
Bu chuid do m' gniomh o aois m' oig e.
Bu neo eimneach mo leabaidh,
'S bha mo chadal gle chomhnard,
Fhad 'sa dh' fhuirich thu agam,
An caoin chadal gun fhotus ;
Bu tu mo sgiath laidir dhileas,
Ga mo dhion o gach dòruinn,
'S e cuid a dh' aohhar mo leith-trom,
Bhi *n diugh a seasadh do chorach.
Oran air latha Sliabh an t-Sion-am.
Le Sileas Nighean Mhic Raognuill.
Tha mulad, tha gruaim orm, tha bron,
O n dh' imich mo chairdean air falbh ;
O 'n chaidh iad air asdar gun chinnt mu 'n teachd
dhachaidh,
Tha m' inntinn fo airtneal na leoir.
Giis an cluinn mi nuaidheachd is binn,
Air gach duine a dh' imich o 'n tir,
Gu 'm pilleadh sibh dhachaidh, le cruadal a's
gaisgeadh,
'S m n crujnte an Sasun leibh 'n Righ.
I 4

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence