Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
Sl
A ghearrte gach cuìsle-;
Gach aon nuaidheachd is cruaidh leinnj
Tighin cho luath ri each trupa ;
'S gu bheil cuid aca 'g radhainn,
Fath mo chraidh nach tig thusa.
. 'S tha do mheasana' guaiUe,
'S do dhaoine uaisle le cheile,
'S tha do mhialchoin gun fhuasgladh,
'Snaoim chruaidhe air an fhèilie,
lad a fullang gach mùisig,
Slat sgiursaidh na 'm beistean ;
'S iad a feitheadh na h-uaire
Gus am fuasgail thu fein orr'.
Cha 'n e cumha na caoireachd,
Tha mi caoineadh sa 'n earrach,
Ach ri iarguin na 'n daoine,
Ris am faodainn mo ghearan ;
'S ann diu Ailein Mac Thearlaich,
B' e mo ehradh do chall fala,
'S i na ruith as gach taobh dhiot,
Na a caoranabh meara.
Ormsa thainig an t-anrath,
'N tus geamhraidh na gailhnn,
Na h-eich ghorm agus dhubha,
Ga 'r bruthadh 's ga *r prannadh;
'S nach tug iad do dh' 1 thu,
Mar-ri sìnnsreachd do shean'ar,
Far 'n robh fuil na 'n seachd Rìghrean
Do 'n fhion-fhuil bu ghloine.
'S ann theireadh Clann Lachuinn
Nach fanadh iad uaitse,
Ged nach d' rinn iad sin aidmheil,
b3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence