Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
SEARMON CUIMHNE MU 'N
CHOGADH ANN AN AFRICA
"Na guilibh air son a' mhairbh, ni mo a ni sibh caoidh air
a shon : guilibh gu goirt air a shon-san a dh' imich air falbh : oir cha
phill e ni's mo, agus cha 'n fhaic e tuilleadh tlr a dhuthchais."—
Ier. xxii. io.
Bha am faidh beo ann an aimsir carraid agus
teinn. Bha taigh Ioseph a cheana ann am braighd-
eanas ann an tlr Shiria. Agus chualas guth ann
an Ramah, caoidh, gul ro ghoirt Bha Rachel,
mathair Ioseiph, a' gul air son a cloinne : dhiult
i comhfhurtachd air son a cloinne, a chionn nach
robh iad ann. Thilg an Tighearna air falbh iad,
a chionn nach d' eisd iad ris, agus bha iad 'nam
fogarraich am measg nan Cinneach. Ach b' e
Ephraim fathast mac caomh agus leanabh ro
thaitneach an Tighearna, agus b' e sin a bha 'toirt
comhfhurtachd dhi 'na bron. " Mar so deir an
Tighearna, cum do ghuth o chaoidh, agus do
shuilean o dheuraibh ; oir gheibh do shaothair
duais, deir an Tighearna, agus thig iad air ais
o thlr an namhaid, agus tha dochas a thaobh do
chrich dheireannaich, deir an Tighearna, gu 'n tig
do chlann a rls gu 'n criochaibh fein."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence