Skip to main content

‹‹‹ prev (44)

(46) next ›››

(45)
DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 39
bhrìgh gu'n do ghlan sibh bhur n-anama le
ùmhlachd a thoirt do'n fhìrinn tre 'n Spiorad,
chum gràidh neo-chealgaich do na bràithribh ;
feuchibh gu'n toir sibh gràdh d'a cheile a cridhe
glan gu dùrachdach : air dhuibh bhi air bhur
n-ath-ghineamhuinn, cha-n ann o shiol truaillidh,
ach neo-thruaillidh, le focal an Dè bheò, agus a
mhaireas gu siorruidh." 1 Pead. 1. 13-23. Arìst
" Uime sin a' cur uaibh gach uile mhì-ruin, agus
gach uile mhealltaireachd, agus chealg, agus
f harmada, agus gach uile ana-cainnt, mar naoidh-
eana air an ùr-bhreith, iarraibh bainne fìor-ghlan
an f hocail, chum as gu'm fàs sibh leis ; ma's e as
•gu'n dobhlais sibh gu bheilan Tighearngràsmhor."
So anis na h-uile nithe, no air so tha na h-uile
nithe 'an crochadh do'n Chriosduidh. Agus arìst,
" A mhuinntir mo ghràidh guidheam oirbh, mar
choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh
ana-mìannan feòlmhor, a tha 'cogadh an aghaidh
an anama." 1 Pead. 2. 1, 2, 3, 11. Agus an
dèigh sin tha'n t-Abstol a' labhairt ruinn air a'
mhèinn ìnntinn, agus air a ghiiìlain a's còir a bhi
againn anns gach dàimh fa-leth d'a chèile, ag
ràdh, " Mar an ceudna, fheara, gabhaibh-se
còmhnuidh maille riu (bhur mnathan) a rèir
eòlais, a' tabhairt urraim do'n mhnaoi mar do'n
t-soitheach a's anmhuinne, agus mar mhuinntir a
tha 'n an comh-oighreachaihh air gràs na heatha ;
chum nach cuirear bacadh air bhur n-iìrnuighibh.
1 Pead. 3. 7.
Gheibhear an f hianuis chèudna ann an Litrich-
ibh an Abstoil Eòin ag ràdh, " Tlia mi a' sgrìobh-
adh do 'ur n-ionnsuidh, a chlann bheag, do bhrìgh
gu bheil bhur peacanna air am maitheadh dhuibh
air sgàth 'ainme-san." 1 Eòin 2. 12. " A

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence