Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 27
dà lagh sin, leis an robh àithntean Dhe air an
cur 'an neo-bhrigh. Mar sin, gheibhear cùisean
a'dol ameasg Chriosduidhean an là an diugh.
Carson a chluinnear na ceistean so cho tric.
" Am beil è mi-cheart a leithid sid 's a leithid so
a dheanamh ? Am bheil nithe mar so 's mar sid
fèumuil a cLum slàinte ?" Ciod a tha ceistean
bochda mar sin a' dearbhadh, ach gu'm bheil aon
sùil air nèamh agus an t-sùil eile air an talamh,
agus an cridbe nis ag ìarraidh na's urrainn è a
ghlacadh de'n talamh gun chòir air nèamh a chni.
Ach ciamar a ghinear fìor dhiadhachd — aonadh
ri Criosd? So dhuit am fì-eagairt o bhèul an
Abstoil '• Tha gràdh Crioscl 'gar co-èigneachadh,^^
2 Cor. 5. 14. 'Nuair a dh-aithnicheas sinn da
rìreadh gu'n d'rinu Dia ar teàrnadh gu saor le
'ghràs, gu'n do bhàsaich Criosd air ar son, agiis
gu'n d'èirich è rìst, agus gu'm bheil oighreachd
air a h-ullachadh dhuinn air nèamh, an sin
gheibh sinn togradh nuadh agus cuspair nuadh.
Chaidh an togradh, eadhon gràdh Chriosd, ainm-
eachadh cheana ; agus gheibhear an cuspair air a
nochdadh dhuinn leis an Abstol anns na briath-
raibh so a leanas, " Oir tha gràdh Criosd 'g ar
co-èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar
so, ma f huair a h-aon bàs airson nan uile, gu'n
robh na h-uile marbh. Agus gu'n d'f huair è bàs
airson nan uile, chum iadsan a tha beò, nach
hitheadh ìad o so siias heò dhoibh-fe'in, ach dha-san
a dhyhuiìing am bàs air an son, agus a dh'eirich a
r?s." 2 Cor. 5. 14, 15. Chum iadsan a tha heòl
Ah ! seadh ìadsan uile aig am bheil an dearbh-
bheachd beanuaichte so air beatha nuadh — tha è
gu cìnoteach aca-san uile a ta air an teàrnadh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence