Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
14 DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
an Ephesus, agus nan creidmheach ann an losa
Criosd." Eph. 1. 1. Tha'n Litir chum nam
Philipianach a dh-ionnsuidh " nan naomh uile
aun an losa Criosd, a tha ann am Philipi." An
Litir chum nan Colosianach a dh-ionnsuidh " nan
naomh agus nam bràthair dìleas ann an losa
Criosd, a tha ann an Colose." An Litir chum nau
Tesalonianach, a dh-ionnsuidh " eaglais nan
Tesalonianach, a tha ann an Dia an t-Athair,
agus anns an Tighearn losa Criosd." Sin na
briathran anns am beilear a' labhairt ris na
naoimh ann an Tesalonica. Chithear gu soilleir o
gach fàilteachadh dhiubh sin gu'm bheilear ag
aideachadh nan Criosduidhean ud mar mhuinntir
aig am bheil fios gur ann d'an ìonnsuidh fèin a
thatar a' sgrìobhadh ; agus tha na h-ainmean, leis
am beilear a' labhairt ria, a' dearbhadh gu'n robh
fios aca gu'm bu Chriosduidhean ìad-fèin.
Ach cha n-ànn amhàin ann an toiseach nan
Litrichean a gheibhear a' mhuinntir, gus an robh
ìad air an sgrìobhadh, air an comharrachadh
amach mar Chriosduidhean. Grheibhear an t-ainm
mòr sin air a thoirt doibh eadar dà cheànn gach i
Litreach, agus mar sin a' dearbhadh gu soilleir i
gu'n robh dearhh-hheachd air slàmt, araon aca-san
a sgrìobh na Litrichean, agus aca-san a chum an ;
robh ìad air an sgrìobhadh. Tha sin soilleir o na I
briathran a leanas : — " Uime sin air dhuinne 'bhi
air ar fireanachadh tre chreidimh, tha sìth againn
ri Dia, tre ar Tighearn losa Criosd." Bòm. 5. 1.
" Air an aobhar sin cha n-'eil a nis dìteadh sam
bith do'n dream sin a tha ann an losa Criosd.
Tha an Spiorad fèin a' deanamh fianuis maille :
r'ar spioradne, gur sinn clann Dhè." Mòm. 8j

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence