Skip to main content

‹‹‹ prev (123)

(125) next ›››

(124)
: C LARS AC H NA COILLE.
'N uaii' a sgaoil e a shioda
Gu 'dhol SÌOS mar-a b' àbhaist,
'S piob nam feadannan siùbhlach
A' cur siinnd air a' phàirtidh,
Chuir e roimhe 'na inntinn
Gu 'm biodh sith ac' an la sin ;
'S ged nach fac' e aig crich i,
'S ann na ghniomh nach robh fàilinn.
Bha na Frangaich na'n èigin,
'S iad a' geilleadh 's gach àite,
Bha na Gàidheil le iolach
'Dol 'g an iomain o'n àraich,
'N uair a thuit e o' dhiollaid,
'S a lann llobharra làmh-ris :
Bhrùchd a bheatha tròinih 'chreuchdan,
Chaidh a reubadh gu gàbhaidh.
Leughaibh eachdraidh nam Breat'nach,
Mar a ghleachd iad gun fhàilinn
Ann an Eiphit nan carragh,
'S thall am fearann nan Spàinneach,
'S gus na choisinn iad siochaint,
'N uair a chiosnaich iad Paris,
'S chi 'ur sùil gur h-i 'n fhirinn
Bha mi 'g innse nam dhàn dhuibh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence