Skip to main content

‹‹‹ prev (105)

(107) next ›››

(106)
98
Beannaich dhomh a' chlann a dh'fhàg thu,
Chaoidh iia fag iad as na treig ;
Bi-sa dhoibh. 'n ad thearmunn làidir, —
Cum iad sàbhailt' o gach beud.
Bi 'n ad tliargaid, bi 'n ad sgiatb dhoibh,—
Bi gach iall 'n ad lòchran iùil;
Bi 'n ad Dhia dhoibh nis 's gu siorruidh,
'S lion am beul gu sior le d' chliù.
SEALLADH MHULLACH SHRON-A'-CHLACH-
AIN.
'S mi 'm shuidh' air an tulaich, air muUach an aonaich,
Gun duine a' m' chuideachd — gu buileach a' m, aonar —
Tha smaointeanan iomadh air m' anam ag aomadh,
Bha fada 'n an cadal, ach innseam an t-aobhar.
Tha mo shiiil air Loch-tadha, 's gach faileas is bòidhche
A chi mi na bhroilleach, mur chaoin uchd caomh òighe ;
Mar leanabh 'n a chadal 'am maduiun na h-òige,
A ghaoth buiu gu caomh ris mu'n caochail a ghlòir-
mhais'.
Tha 'n sealladh 'tha sgaoil' air gach taobh agus làimh
dhiom,
Làn maise mar b' àbhaist, gnhis nàduir gun sgraing oirr';
Na coilltean cho ùrar, luchd-ciùil air gach crann diubh,
Le 'n ceileirean siiibhlach, — mo riin-sa gach am iad !
Tha Dochard 'na dheannaibh a' teannadh gu Lòchaidh,
An coinneamh a cheile, bean bheusach, chiiiin chòmhnard ;
'S 'n uair thig i 'na ghlacaibh 's a naisgear iad còmhladh
Grad thrèigidh a bhuirb' e, as striochdaidh a mhòrchuis.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence