Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
40
achdach a mhàin is urrainn le a lathàireachd an neart-
achadh 'am meadhon an dnbhachais 's am bròin, agus
le 'ghràs 's le 'gheallanna a dh'uHaicheas iad ann an
àmhuinn an àmhghair a chum ath-aonadh heann-
aichte riùsan a chaidh air thoiseach orra chum beatha
shiorruidh trè losa Criosd, is urrainn a mhàin an dor-
chadas a shoillseachadh.
Chaidh ar caraid nach maireann a sìos do'n uaigh, làn
do bhliadhnachan agus do dh'urram, a' fàgail toraidh-
ean beatha ghnìomhach agus thoirbheartach 'na dhèigh,
a chum aiteas agus subhachas a chur ann an ioma teach.
Ni Eaglais na h-Alba caoidh air son gu'n do thuit
raaighstir mbr ann an Jsraeil, agus a bhràithrean sa'
mhinistrealachd air son gu'n do chaill ìad bràthair a
bha cho dìleas, treun, agus a choimhearsnaich (sluagh
a' bhaile mhòh' so) air son duin'-uasal cathranach, mis-
neacliail, a bha 'ghnàtli ulhuiih gu tagradh an còrach.
Agus a nis, air do fhear-falre Israeil a bhi maille r'a
Dhia, tha ioma cridhe brònach anns a' chomh-thional
so a ni caoidh air a shon ann am briathran tìirsach an
f hàidhe, " M' athair, m' athair, carbad Israeil agus a
mharc-shluagh."
An uair a tha duine naomh agus math, ann am
freasdal De, air atharrachadh as an t-saoghal so, is eal-
amh leò-san a fhuair misneach a's buannachd bho a
shaothair a bharaileachadh gu bheil an dosgainn do-leas-
achadh, a saoilsinn mnr gu'm b' ann gu'n do thrèig an
Tighearn an takimh — gu'm bheil an neart 's an dìl-
seachd a chleachd am fear nach maireann a' dion 's a'
cur an ceill an t-soisgeil, gu buileach air falbh leis fèin.
Ach cuimhnichibh, mo chàirdean, am feadh 'sa tha e
dleas dhuibh 'ur taingealachd a chur an cèill do Dhia
air son gu'n do chaomhain e dhuibh 'ur n-aodhair
gu seann aois, gur h-urrainn esan a bheannaich sibh
roimhe so 'ur beannachadh agus soirbheachadh a thoirt
duibh fathast. Agus mar a thuit falluing an fhàidh
a nuas air an talamh 'na shamhladh air làihaireachd
Dhè do'n Eaglais, mar sin cha'n 'eil sibhse air 'ur fàg-
ail gun ioma dearbhadh air maitheas Dè. Ged a tha
am buille so gun teagamh trom, gidheadh bhuin Dia
ruibh gu tròcaireach agus gu sèimh. Uigh air n-uigh
bha pearsa thlachdmhor agus fhlathail 'ur n-aodhair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence