Skip to main content

‹‹‹ prev (259)

(261) next ›››

(260)
244 AN T-EILEANACH.
"bha am bocsa na miond."* Bha e air a ràdh gun robh
caraid aig Maireiread bho chionn fada a thog fianuis
bhrèige ann an aghaidh a choimhearsnaicli aig oùirt
aig an robh iad, ach co dhiubh thar a chèile ghabli
Maireiread Ruadh agus Mor na Cuinneige, agus an
i;air a thug iad smàdadh do'n teangaidh, agus do
dhroch theangaidh cuideachd, air each a chèile, dh'
èirich Diighall Ban na sheasamh, agus ars' esan, "So
agaibh, a chuideachd, trod nam ban mu 'n sgarbh" an
dara uair. "Am bheil an sgarbh a mach air a' mhuir
an dràsda," ars' am Bhuachaille Eobach, agus e tighinn
a nuas ann an clais an iomaire as an deigh. "Cha'n
'eil" arsa Eoghan og ; "tha e 'san iomaire bhuntàta air
an t-siubhal so, ged a's dona an comharra air an t-side
e bhi ann an àite cho tiorail. Bheil saod math ort an
diughl" "Ghabhadh saod cur orni" ars' am buchaille.
''Gu de mar a dh' f hag thu daoine air taobh eile na
h-aimhne" ars' Eoghan. "Ma ta dh' fhàg a chionn nach
b'urrainn mi an toirt leam" arsa am buachaile.
''Cuiridh mi geall gun tug thu Anna bheag leat" arsa
Diighall ban. Einn am buachaillegàire. "Thug agus
Cailein Gallda" ars' Eoghan og, "ach 's fhearr dhuit
facal na dha do Anna fhein a thoirt dhuinn an toiseach.
"Am bheil toil agad bodach an Tigh-bhàin a bhi ann
am bhad, a chionn a bhi cumail nan daoine aige bhar
an obrach" ars' am buachaille. "Tog d'ad leisgeulan"
arsa Diighall ban, "ged nach urrainn sinn a mhin a
chagnadh 'san teine a sheideadh aig an aon am, is
urrainn sinn am buntàta a ghart-ghlanadh agus èisd-
* Witness-box.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence