Skip to main content

‹‹‹ prev (382)

(384) next ›››

(383)
375
Eoin xiv. 21. " An tì aig ara bheil m' aitheauta-sa, agus a
ta 'gan coimhead, is esan aig am bheil gràdh dhomhsa :
agus an tì aig am bheil gràdh dhomhsa, gràdhaichear le
m' athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi
mi fèin da." Ach is diomhain a bhi smuaineachadh gu bi
bhur fèin-cheasnachadh feumail, ma bhios sibh neo-chur-
amach agus neo-riaghailteach 'nur caithe-beatha.
San àite mu dheireadh, Cuiribh thairis obair bhur là agus
bhur ginealaich le cabhaig agus le dichioll. Air do
Dhaibhidh, an dèigh dha ghinealach fèin a riarachadh, a
reir toil Dliè, codal, Gniomh. xiii. 36. Dh' orduicli
Dia dhuinn earrann a dh'obair àraidh do 'n t-seorsa so,
bu chòir a bhi air a cur seachad mu 'm bi aimsir na h-obair
thairis, Ecles. ix. 10. " Ge b'e ni a gheibh do làmh r' a
dheanamh, dean e le d' dhìchioll ; oir cha 'n 'eil obair, ìio
innleachd, no eòlas no gliocas anns an uaigh, d'am bheil
thu dol." Gal. vi. 10. Uime sin a ràir mar a ta fàth
againn, deanamaid maith do na h-uile dhaoinibh ; ach gu
h-araidh dhoibhsan a ta do theaghlach a' chreidimh." Ma
tha fear siubhail, an deigh dha dol air bòrd do 'n luing,
agus an long a' faotainn fo sheòl, a' cuimlmeachadh gu 'n
do dhi-chuimhnich e gnothuch àraidh a chriochnachadh
"nuair a bha e air tìr, is èigin da sin a bhi neo-shocrach dha:
Eadhon mar so, aig uair a' bhàis a bhi cuimhneachadh
aìmsire a chaidh agus a leigeadh thairis guu fheum, agus
€othroman a chaidh a chall, cha 'n fheud so gun bhi doil-
gheasach do 'n Chriosdaidh. Uime sin, ciod sam bith a ta
mar fhiachaibh ort a dheanamh air son uri'aim Dhè, agns
maith muinntir eile, aon chuid mar dhleasdanas t'inbhe, no
le cothrom àraidh air a chur ann ad làimh, dean e ann au
tràth, nam bu mhaith leat bàs fhaotainn gu solasach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence