Skip to main content

‹‹‹ prev (361)

(363) next ›››

(362)
354
tha a bhi dol a mach as an t-saoghal sole bàs, "na shealladh
eagallach do dhaoine bàsmhor ; agus ged tha teachd gearr
auns a' bhàs a' tarruing truaighe eagallach 'na chois •, Gidh-
eadh ni na nithe a leanas staid nan naomh 'nam bàs, sona
agus dòchasach.
Air tùs, Tha fior charaid maith aca rompa san t-saoghal
eile ; 'Se losa Criosd, an caraid a 's fearr, Tighearn an
fhearainn sin gus am bheil am bàs 'gan giùlan. 'Nuair
a chuir loseph fios air 'athair, teachd a nuas d' a ionnsuidh
do 'n Eiphit, ag innseadh dha gu d'rinn Dia e 'na uachdar-
an air an Eiphit uile ! agus a chunnaic lacob na carbadan
a chuir loseph g' a ghiùlan dh' ath-bheothaich spiorad
lacoib ; rùnaich e gu suilbhir dol air an turus, Gen. xlv.
9. 27. Tha mi smuaineachadh, 'nuair a tha 'n Tighearn
a' gairm duine diadhaidh a mach as an t-saoghal so, gu
bheil e cur a leithid do nuaidheachd d'a ionnsuidh, agus a
leithid do ohuireadh caoimhneil do 'n t-saoghal eile, as nam
bitheadh creidimh aige gu chreidsiun, gur èigin d'a spiorad
ath-bheothachadh, 'uuair a chi e carbad a' bhàis, a ta
teachd gu ghiùlan an sin. Is fior, gun amharus, gu bheil
deuchainn chudthromach aige ri dhol troimhe : " An deigh
bàis, am breitheanas !" Ach tha staid nan daoine diadh-
aidh gu h-uile dòchasach, oir is e Tighearn am f hearainn
am fear-pòsda, agus is e 'm fear-pòsda am Breitheamh :
" Thug an t-Athair gach uile bhreitheanas do 'n Mhac."
Eoin V. 22. Agus gu cinnteach tha staid na mnà dòch-
asach, 'nuair is e fear-pòsda fèin a breitheamh ; eadhon a
leithid a dh'fhear pòsda as leis am fuath cur air falbh.
Cha n 'eil fear-pòsda sam bith co gràdhach agus co caomh
r'a chèile, sa tha 'n Tighearn losa Criosd r' a chèile-san.
Shaoileadh neach, gu 'm bu ro olc am fearann do nach
rachadh bean gu toileach, far an e a fear-pòsda is uach-
daran agus is breitheamh ann. ThuiUeadh air so, Is e am
Breitheamh am Fear-tagraidh, I Eoin ii. I. " Tha fear-
tagraidh againn maiUe ris an Athair, losa Criosd am fir-
ean. Agus, uime sin, cha ruig iad a leas eagal a bhi orra
gu 'n cuirear air an ais iad, agus gu 'n tuit iad ann an dìt-
eadh. Ciod a dh'fheudas a bhi ni 's fiibhoraiche air an
sou? An urraiun dhoibh smuaineachadh, gu 'n toir
esau a tha tagradh an cùise, binn a mach 'nan agh-
aidh ? Gidheadh, a thuiUeadh air so, is e 'm Fear-tagraidh
am Fear-saoraidh ; tha iad air an saoradh le fuil luach-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence