Skip to main content

‹‹‹ prev (359)

(361) next ›››

(360)
352
San dara àìte, Greasaibh, pheacaclia a mach as
bhur n-aiugidheachd ; a mach as bhur staid pheacaich,
agus a mach as bhur droch chaithe-beatha ; mur b' àill
leibh, aig a' bhàs, a bhi air bhur fuadachadh air falbh
"nur n-aingidheachd. Cuimhuichibh crìoch thruagh an
duine aingidh, mar tha 'm boun-teagaisg g'a nochdadh :
Tha fhios agam gu bheil eadar-dhealachadh mòr ann am
bàs nan aiugidh a thaobh cuid no nithe àraidh ; ach tha
gach aon dhiubh, 'nam bàs, a' còrdadh anns an ni so, gu
bheil iad "air am fuadachadh air falbh 'nan aingidheachd."
Tha cuid diubh a' dol a dh' ionnsuidh a' bhàis le spiorad
treubhantais, mar gu 'n deanadh iad tarcuis air a bhi fo
eagal : Cuid ann am boile an-dòchais, air an lìonadh le
leithid a dh' uamhunn, is gu bheil iad a' glaodhaich mar
gum bitheadh iad cheana ann an ifrinn ! Cuid eile fo
thruime dhith misuich fo chuibhreach le h-eagail, air
chor as gu bheil an cridheachean air dol fodha an taobh a
stigh dhiubh, air dhoibh a bhi cuimhneachadh air mi-bhuil-
eachadh na h-aimsir, agus an sealladh a th' aca air sìorr-
uidheachd ! air dhoibh a bhi gun chrìch no ceann gu aon
ni dheauamh air son an cobhair fèin : Agus tha cuid eile
a' bàsachadh gu neo-mhothachail, chaith iad am beatha
mar ainmhidhean 's mar ainmhidhean tha iad a' faghail
bàis gun churam air an spioraid mu thimchioll an staid
shiorruidh I tha iad ag osnaich fo thrioblaid an cuirp,
ach cha 'n 'eil mothachadh sam bith aca mu chunnart an
anama : Cha mhòr nach co maith do neach labhairt ri cloich
le urrad duil ri buadhachadh 'so labhras e riu-san ; is diomh-
ain an oidheirp feuchainn r' an teagasg, cha ghluais aon ni
a theirear iad ! A bhi labhairt riu, aon chuid mu aoibh-
ueis neimh, no mu phiantaibh ifrinn, is e sin a bhi treabh-
adh air carraig, no bualadh an aidheir. Tha cuid a' faot-
ainn a' bhàis cosmhuil ris na h-òighean araaideach, a' bruad-
ar mu nèarah ; tha clàr an eudain air an cruadhachadh
an aghaidh eagail ifrinn, le dòchais ladurna mu nèamh.
'Se 'n gnothuch-san, le 'm bu mhaith a bhi feumail d' an
anamaibh, cha 'n e bhi freagradh amharusan mu chor an
anama ; ach a bhi 'gan cur a raach as an dòchais mheall-
tach. Ach ciod sam bith dòigh air am faigh an duine neo-
iompaichte bàs, tha e " air fhuadachadh air falbh 'na ain-
gidheachd." staid uamhasach'I 0! gluaiseadh beachd
air imeachd co oiUteil a mach as an t-saoghal so sibh gu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence