Skip to main content

‹‹‹ prev (357)

(359) next ›››

(358)
350
l^itheadh crith oirbh smuaineachadh, ciod ua dòchais thait-
iieach mu shonas nan nèamh a sguabas am bas air falbh.
(osmhuil ri lion an damhain-alluidh ! Ciod mar tha dòch-
ais mhòran air an gearradh air falbh, 'uuair a ta iad a
saoilsinn, 'nam beachd fèin, a bhi air fior stairsnich neimh !
Ciod mar, anns a' mhionaid, a tha dùil aca bhi air an giù-
lan le ainglibh gu uchd Abraliaim, gu ionadaibh a' bheann-
achaidh agus na sìth ; tha iad air an giiìhm le diabhluibh
gu comunu na muinntir dhìte ann an ifriun, gu ionad na
pèin, agus gu tìr an uamhais : Guidheam oirbh a bhi air
bhur faicill, (1.) Roimh dhòchas a bhi air a thogail suas,
far nach robh a' bhunait riamh air a suidheachadh. Chladh-
aich an fear-togaiU glic domhain, Luc. vi. 48. An robh
bhur dòchas mu nèamh riamh air a chrathadh ; ach gu 'n
robh deadìi dhòchas agaibh fad bhur laithean ? Mo
thruaighe air a shon ! feudaidh sibh diomhaireachd bhur cor
fhaicinn air a mhìneachadh, Luc. xi. 2L " 'Nuair a
ghleidheas duine laidir fo armaibh a thalla fein, tha na
bhuineas da ann an sìth." Ach ma bha do dhochais air
an crathadh, thoir an aire air eagal nach robh ach cuid do
bhrisean air an deanamh anns an t-sean aitreabh, a fhuair
thu charadh a rìs, le rathadaibh agus meadhonaibh
a fhuair thu fèin. Bi cinnteach, nach 'eil do dhòchas,
ciod sam bith co sgiamhach 'sa ta an aitreabh, ri earbsa
ris : mur robh do sheann dochais air an leagadh sios gu
]àr, agus gu 'n do thog thu air steidh gu lèir nuadh. (2.)
Bì air t'faiciU o 'n dòchas sin a thaisbeanas soilleir anns an
dorcha, ach a chailleas a shoiUse 'nuaii' a ta e air a chur
ann an solus focail De, 'nuair a ta e air a rannsachadh agus
air. fheuchaiun le teisteas an fhocail f hoiUsichte : " Oir
gach neach a ta deanamh uilc, tha e toirt fuath do 'n t-
solus, agus cha 'n 'eil e teachd chum an t-soluis, air eagal
gu 'm biodh 'oibre air an cronachadh. Ach an tì a ni 'n
f hiriun, thig e chum an t-soluis, chum 's gu 'm bi 'oibre
foUaiseach gur ann an Dia a rinneadh iad," Eoin iii. 20,
2L Cha 'n 'eil san dòchas sin, nach seas ri deuchainn
)ian Scriobtuir, aoh a dh' f haiUnicheas 'nuair theid a rann-
hachadh leis an f hirinn naomh, ach meaUadh, agus cha 'n
f hìor-dhòchas e ; oir tha focal De do ghnàth 'na charaid
do ghràsau Spioraid De. agus 'na namhaid do mheaUadh.
(.'}.) Bi air t'faiciU o'n dòchas sin, a sheasas gun a bhi air
a dhaingiioachadh lo teisteas uan Scriobtuir. Mo thruaighc !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence