Skip to main content

‹‹‹ prev (342)

(344) next ›››

(343)
335
nithe maithe an droch dhuine, Luc. xvi. 25. " Fhuair
thusa do nithe maithe rè àm dhuit a bhi beò," ars'
Abraham, anns a' chosamhlachd ris an duine shaoìbhir, ann
an ifrinn. Agus is maith a dh'fheudas daoine an t-saogh-
ail a radh ris na nithe sin am maoin ; oir cha 'n 'eil maith
sam bith eile anuta, mu 'n cuairt doibh, no 'nan co-chuid-
eachd. A nis an suidhich thu do shuilean air taisbean-
aidh falamh agus sgàilean? An toir thu air do shuii-
ibh itealach orra, mar tha 'm focal a' ciallachadh ? An
itealaich cridheachan dhaoine a mach air an suilibh orra,
mar f hiadh-bheathach millteach air a chreach ? Ma ni
iad sin, bitheadh fhios aca, gu 'n itealaich iad mu dheir-
eadh. co luath uatha, as a dh'itealaich an sùilean riamh
orra : Cosmhuil ri treud eun, le itean sgiamhach, a ta
luidhe air fearann amadain ; muinntir, an uair a ruith-
eas e gan glacadh mar a' chuid fein, a ghabhas an sgiath-
an air ball, a dh' itealaicheas air falbh, agus air luidhe sios
dhoibh air fearann a choimhearsnaich, tha 'dhòchas air a
mhealladh : Luc. xii. 10. Amadain, air an oidhche so
fèin iarrar t'anam uait ! an sin co dha bhuineas na nithe
sin a dh'ulluich thu? Ged nach dean thusa sgiathan
dhoibh, mar a ni mòran ; " ni iad sgiathan dhoibh fèin,
agus itealachaidh iad air falbh :" cha 'n ann mar eun ceann-
saichte tighe, a dhfheudar a ghlacadh a rìs ; no mar an
t-seabhag. a nochdas c' ait am bheil i le a cluig, agus a
ghairmear a rìs le feall : ach cosmhuil ris an iolair, a dh'
itealaichais gu luath as an t-sealladh, agus nach f heudar a
ghairm air a h-ais. Sguir thusa do bhi ag amharc air na
uithe sin, dhuine bhasmhoir ! Cha 'n 'eil aobhar agad
" do shùilean a shuidheachadh orra." Tha 'n saoghal so mav
thigh-òsda mor, air an rathad gu sìorruidheachd, gus am
bheil thusa air thurus ; tha na nithe sin a frithealadh dhuit,
mar sheirbhisich a bhuineas do 'n tigh-òsda far am bheil thu
tamh ; feithidh iad ort, am feadh a ta thu 'n sin ; agus an
uair a tha thu falbh, bheir iad coimheadachd dhuit gus an
dorus ; ach cha leatsa iad, cha 'n f halbh iad leat ; ach pillidh
iad a dh'f heitheamh air coigrich eile, mar a rinn iad ortsa.
Sa' chuigeadh àite, Feudaidh e bhi mar bhrosnuchadh
do rùn durachdach Criosduidh, gu dluth-leantuinn ri
Criosd, agus gu seasamh gu daingean r'a f hirinnibh, agus
gu buannachadh 'na shlighibh ; ciod sam bith a dh'f huil-
ingeas e air son sin a dheauamh. Lughdaicheadh e eagal

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence