Skip to main content

‹‹‹ prev (326)

(328) next ›››

(327)
319
STAID IV.
AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS,
NO TRUAIGHE lOMLAN.
CEANN I.
MU BHAS.
" Oir a ta fhios agam gu. 'n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a
dh' òrduicheadh do gach uile bheò." — Iob xxx. 23.
Tha mi nis gu labhairt mu staid shìorruidh an duine, d' am
bheil e dol a steach aig a' bhas. Tha lob a' gabhail
beachd glè chudthromach do'n dol a steach so, ann am
briathraibh an teagaisg ; briathra a ta nochdadh firinn
choitchionn, agus 'gan comh-chur gu h-àraid. Tha'n fhìr-
inn choitchionn air a ciallachadh ann ; eadhon, gur èigin do
na h-uile neach a bhi le bàs air an gluasad as an t-saoghal
so : is eigin doibh bàsachadh. Ach c' ait an èigin doibh dol ?
Is èigin doibh dol " a chum an tighe a dh' orduichead]] do
gach uile bheò ;" do'n uaigh, do'n tigh dhorcha, ghruamach,
aonaranach sin, ann an tìr na dì-chuimhn. Ciod sam bith
àite anns am bi an corp air a thasgaidh suas gus an ais-
eirigh, gus an àite sin, mar do thigh còmhnuidh, bheir am
bàs dhachaidh sinn. Fhad 'sa tha sinn anns a' chorp, cha'n
'eil sinn ach ann an tigh fir-turuis, ann an tigh-òsda, air
ar slighe dhachaidh : 'nuair tha sinn a' teachd a chum na
h-uaighe, tha sinn a' teachd gu 'r dachaidh, gu 'r dachaidh
fhada, Ecles. xii. 5. Is èigin do gach uile bheò a bhi 'nan
luchd-àiteachaidh an tighe so, maith agus olc, sean agus
òg. Tha beatha an duine 'na sruth, a ta ruith gu doimh-
neachda sgriosach a' bhàis : Is èigin doibhsan a ta nis a
chòmhnuidh ann an luchairtibh, am fàgail, agus dol dhach-
aidh do'n tigh so ; agus iadsan aig nach 'eil ionad anns an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence